Chaidh geama ùr sa Ghàidhlig fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann am Megaglest. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige.
Gu mì-fhortanach, chan eil a h-uile rud sa Ghàidhlig fhathast, m.e. tha ainmean nan aonadan sa Bheurla fhathast. Tha mi 'n dòchas gun gabh seo càradh leis an ath thionndadh.