Naidheachdan   –   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Geama ur ri fhaighinn sa Ghàidhlig: Tog lìonra giùlain le OpenTTD

5mh dhen Ògmhios 2013 10:48:01
Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
openttd_screenshot.png
'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas.
Mar eisimpleir, gheibh thu ainmean nam bailtean sa Ghàidhlig cuideachd. Seall air a' video gus faighinn a-mach mar a chuireas tu dreach Gàidhlig air a h-uile rud.



'S urrainn dhut an geama a luchdadh a-nuas an-asgaidh air OpenTTD is gheibh thu barrachd fiosrachaidh air a' gheama sa Ghàidhlig air a' bhòrd-bhrath.


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35