Naidheachdan   –   News

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Leabharlann ùr sa Ghearmailt - New library in Germany


Tha leabharlann Shìm MhicCoinnich air fosgladh ann am Bonn.

The Simon Mackenzie library has opened in Bonn.
Tha an leabharlann ùr seo stèidhichte ann an Ionad na Gàidhlig agus a cultar anns a' Ghearmailt, Baunscheidtstraße 19, 53113 Bonn.

Tha cruinneachadh de dh' fhilmichean agus tèipichean Gàidhlig rim faighinn anns a' mheadhan-lann, cuidh dhiubh ann an cruth VHS agus DVD. Faodar coimhead air na filmichean aig na h-amanan nuair a bhios cùrsaichean a' tachairt ach air sgàth's còirichean a dh' fheumar glèidheadh chan fhaodar leth-bhreacan a dhèanamh.

Chan fhoadar leabhraichean a thoirt air iasaid ach gheibhear cothrom an leughadh fad an trìmeastair aig na h-amanan nuair a bhios cùrsaichean a' tachairt. Faodaidh sibh leth-bhreacan a dhèanamh. Tha leth-bhreacadair ann.

Ma tha sibh airson rannsachadh a dhèanamh aig Leabharlann Shìm MhicCoinnich, cuiribh fòn thugainn fo 0049-151-54755225 neo cuirich post-dealain thuca aig: fios(aig)schottisch-gaelisch.de

Tuilleadh fiosrachaidh air na tha ann ri fhaighinn air bòrd-brath aig schottisch-gaelisch.de.


This new libarary is based in the Ionad na Gàidhlig agus a cultar anns a' Ghearmailt, Baunscheidtstraße 19, 53113 Bonn.

The media section includes a collection of Gaelic videos on VHS or DVD. You can watch the films when the center is open for classes.

This is not a lending library, but you can look at the books when the trimesters are running. You may make copies of books only; a photocopier is available.

If you wish to research in the library, call 0049-151-54755225 or send an e-mail to: fios(aig)schottisch-gaelisch.de

You can get more information at the schottisch-gaelisch.de forum.