Naidheachdan   –   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Don luchd-prògramachaidh: An stàlaichear Inno Setup ri fhaighinn sa Ghàidhlig

4mh dhen Mhàrt 2014 15:44:47
Tùs: jrsoftware.org
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
innosetuplogo.png
Don fheadhainn a tha an sàs ann am prògramachadh, tha an stàlaichear Inno Setup ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis. Cuiridh Inno Setup taic dhuibh gus stàlaichear/dì-stàlaichear airson Microsoft Windows a chruthachadh airson prògram a sgrìobh sibh. Tha an t-eadar-theangachadh am measg nan cànanan neo-oifigeil ach thèid a chur ris na cànanan oifigeil a dh'aithghearr. Ma lorgas sibh mearachd sam bith san eadar-theangachadh, cuiribh fios thugam ach an cuir mi gu ceart e!


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35