Naidheachdan   –   News

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama fhaclan ùr - Webfeud


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: aberbeltz
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
webfeudlogo.png
Tha an geama Webfeud (car coltach ri Scrabble) ri fhaighinn ann an Gàidhlig a-nis cuideachd air iomadh ùrlar (brabhsair, Android, iPhone no iPad, Windows Phone agus Blackberry tablet)

Tha e furasta gu leòr a thuigs ach tha stiùireadh air iGàidhlig mar is àbhaist.
webfeud-screenshot.png
Seo geama a tha car coltach ri Scrabble. Cluichidh tu an aghaidh daoine eile air an lìon, a' cur sìos faclan Gàidhlig air bòrd agus gheibh thu puingean a-rèir dè cho ainneamh 's a tha na litrichean a chleachd thu agus dè na ceàrnagan air an do chuir thu am facal. Gu math furasta agus dùbhlanach aig an aon àm! Obraichidh seo air iomadh ùrlar, gabhaidh a chluich ann am brabhsair sam bith ach a bharrachd air sin tha aplacaidean Android, Blackberry Playbook, iPads is iPhones agus Windows Phone 7 ann!

This game is a bit similar to Scrabble. You basically play against other people on the net, trying to put down Gaelic words on a board and depending on the value of the letters and what fields you put them on, you get points. Both simple and challenging in Gaelic! It works on many platforms - any browswer of course but there are also apps for Android, Blackberry Playbook, iPads and iPhones and Windows Phone 7 on top of that!