Naidheachdan   –   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

A' taisbeanadh Cearcaill na Gàidhlig aig fèis leabhraichean Aye Write!

3s dhen Mhàrt 2009 10:03:31
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Tha na turasan sònraichte a thug buidheann de sgrìobhadairean aithnichte le Cearcaill na Gàidhlig gu bhith aig cridhe tachartas ùr Gàidhlig aig Fèis Aye Write na bliadhna-sa ann an Glaschu.
A' sgrìobhadh mu na turasan aca fhad 's a bha iad a' siubhail tro eileanan Innse Gall agus mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd, tha na sgrìobhadairean air leabhran beag iongantach a thoirt dhuinn, a thèid nur pòcaid, le tiotal air leth iomchaidh, 'Cearcaill na Gàidhlig'.

A thuilleadh air òraidean bho na ceathrar sgrìobhadairean, thèid na turasan aca a chur an cèill tro shreath de dhealbhan eireachdail aig a' chiad tachartas Gàidhlig seo airson na Fèise, 's iad na sgrìobhadairean:

  • Màiri NicArtair, neach-comhairleachaidh dualchais, sgrìobhadair agus sgeulaiche

  • Brian MacUilleim, a' chiad deasaiche aig, agus b' esan a stèidhich, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus a chleachd a bhith na mhinistear riaghaltais

  • Dòmhnall Meek, fear-togail bhàtaichean, maraiche, sgrìobhadair agus sgoilear

  • Aonghas Pàdraig Caimbeul, bàrd, sgrìobhadair nobhailean, neach- naidheachd, craoladair agus cleasaiche film

Thèid an ceathramh Fèis Aye Write! aig Banca na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mitchell bho 6 - 14 Màrt 2009.

Thèid na tachartasan airson Cearcaill na Gàidhlig a chumail thairis air dà oidhche:

  • Diluain 9 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean Màiri
    NicArtair agus Brian MacUilleim an làthair

  • Dimàirt 10 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean
    Dòmhnall Meek agus Aonghas Pàdraig Caimbeul an làthair

Tuilleadh fiosrachaidh...


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35