Naidheachdan   –   News

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Rannsachadh Teicneolas Cainnt is Cànain - Research on speech and language technology


Tha Bòrd na Gàidhlig air pìos rannsachaidh Teicneolas Cainnt is Cànain a thoirt do dh'Oilthigh Ghlaschu. Tha an rannsachadh a' toirt sùil air na th' againn de theicneolas an-dràsta, na gabh a dhèanamh agus na tha a dhìth air a' choimhearsnachd.

Bòrd na Gàidhlig has commissioned the University of Glasgow with conducting a piece of research on speech and language technology. The research looks at what there is currently, what can be done and what the Gaelic community needs and wants.
Air sgàth sinn, tha iad a' sireadh an dà chuid beachdan is smuaintean nan eòlachaichean cànain agus na coimhearsnachd. Tha iad air ceisteachan air loidhne a chur ri chèile a chum sin. Bidh e furasta ri lìonadh agus cha leig sibh a leas a bhith math air prògramachadh, teicneolas cainnt no rudan mar sin. 'S e ur beachdan a tha iad a' sireadh!

Ma tha ùidh agaibh ann, cuiribh post-d gu Mìcheal aig fios@akerbeltz.org agus cuiridh e ceangal pearsanta thugaibh.


For that reason they have put together an online survey to get the views both of language specialists and the wider community. It's easy to fill in and you don't need to be good at programming, speech technology or other things like that. It's your views that count!

If you're interested in taking part, please email Michael at fios@akerbeltz.org and he'll send you your personal link.


Mìcheal Bauer
Prìomh Rannsaichear
Rannsachadh air Teicneolas Cainnt is Cànain
Oilthigh Ghlaschu