A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Faclair air loidhne ùr - New Online Dictionary
6mh dhen Dàmhair 2009 09:43:50
Roinnean-seorsa:
Briathrachas is Gràmar - Words and Grammar
Tha faclair air loidhne ùr, Am Faclair Beag air cruthachadh. Tha Dwelly ann agus, gu ruige seo, Faclair nan Gnàthasan-cainnte cuideachd san aon àite, agus bidh e a' fàs san àm ri teachd.
There's a new online dictionary, Am Faclair Beag. At the moment it incorporates Dwelly and Faclair nan Gnàthasan-cainnte, and it will continue to grow.

Tha am Faclair Beag a' sìor fhàs agus tha iad a' toirt cuireadh air iarrtasan son cunntasan bhòtaidh bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig on ghlùn.
Tha dùil aca ri clàir ùra chruthachadh cuideachd - ma nì sibh rannsachadh son "water", chì sibh air an taobh chlì na tha fa-near dhaibh.
'S e na rionnagan am feart ùr as cudromaiche. Gheibhear mìneachadh iomlan an-seo ach gu goirid, tha na rionnagan buidhe ag innse dhan luchd-chleachdadh dé na faclan a tha "beò" agus dé an fheadhainn nach eil cho beò. Ma tha cunntas aig cuideigin, chì iad sreath de rionnagan eile cuideachd, na rionnagan bhòtaidh leis a chuireas iad an céill dé na faclan air a bheil iad-san eòlach agus théid na rionnagan buidhe a stéidheachadh air a-sin.
Cuiribh sùil air an duilleag chuideachaidh cuideachd, tha iomadh feart ùr eile ann - 's ma tha ruideigin ann nach eil soilleir, leigibh fios dhaibh.
Cuideachd, ma tha Gàidhlig agaibh on ghlùn agus ma tha ùidh agaibh sa phròiseact seo, cuiribh post-d thuca agus cuirear cunntas (saor an-asgaidh) air dòigh dhuibh.