Tha an cùrsa ag amas air oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig mar thà, seach do dh'fhìor luchd-tòiseachaidh.
Thèid oileanaich a thoirt a-mach dhan choimhearsnachd gus ionnsachadh mu chultar Uibhist, agus airson na th' aca de Ghàidhlig a chleachdadh.
Mairidh gach cùrsa seachdain, agus àite fuirich na chois.
Bidh an cùrsa a' ruith eadar 5mh agus 10mh an Giblean 2010, agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air
làrach-lìn Stòras Uibhist.
Leugh an aiste slàn air làrach-lìn BBC Alba