Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Sgeama rathaidean-iarainn na h-Alba trì-chananach


Tùs: Newsnet Scotland.
Air a lorg le: Thrissel
Gheibhear sgeama nan rathaidean-iarrainn trì-chànanach a-nis, sa Ghàidhlig, Beurla agus Beurla Ghallta. Tha e foillsichte an asgaidh air làrach-lìn Newsnet Scotland an seo. Air a dhèanamh le Pòl Caomhánach.

There is now a trilingual railway map available, in Gaelic, English and Scots. It is published on the Newsnet Scotland site here and available for free. Created by Paul Kavanagh.
Às-earrann:
...

Tha mi a' moladh co-dhùnadh Scotrail gus soidhnichean-stèisein sa Ghàidhlig a chur air bhog. Le bhith toirt làthaireachd phoblach dhan chànan, gu h-àraid air slighean-còmhdhail mòra, thathar ga dhèanamh làn-shoilleir gur e tìr air leth a th'ann an Alba, agus a dualchas sònraichte cànanach fhèin aice. Bu chòir sanasan Gàidhlig a bhith aig gach uile stèisean-trèana ann an Alba.

Ach chan eil ainmean-stèisein Gàidhlig ag ìnnse dhuinn ach pàirt de ar sgeul, oir tha an dearbh argamaid mun Ghàidhlig a cheart cho fìor mun Bheurla Ghallda mar an ceudna.

A dh'aindeoin seo chan eil làthaireachd sam bith aig ainmean sa Bheurla Ghallda air an lìonra-rèile, no an àite sam bith eile, cha mhòr. Chan eil seo cothromach. Tha a' Bheurla Ghallda a cheart cho àiridh air meas is miadh. Tha dà chànan nàiseanta aig Alba, agus tha co-ionannas aca mar chànanan nàiseanta dhen Alba air fad. Taic sam bith a bheir sinn mar choimhearsnachd dhan Ghàidhlig, bu chòir dhuinn an dearbh nì a dhèanamh airson na Beurla Gallda.

Is mithich dhomh tighinn a-mach as a' chlòsaid. Chan e gìc chànanan a-mhàin a th'annam, ach gìc thrèanaichean cuideachd. Is e mo chùis-nàire phrìobhaideach a tha seo, ged air m'onair cha do sheas mi riamh aig ceann àrd-ùrlair stèisein agus chan eil anorag agam. O chionn mìos no dhà dh'fheuch mi ri mapa stèiseanan-rèile na h-Alba fhaighinn, ach cha b'urrainn dhomh fear a lorg. Ged a bhios an stuth fiosrachaidh is follaiseachd as ùire a' nochdadh ainmean-stèisein Gàidhlig an cois na feadhna Beurla, is e a bha dhìth orm ach clàr-dùthcha Gàidhlig de loidhnichean-rèile na h-Alba air fad, a' sealltainn a h-uile stèisean san dùthaich.

Dh'ionnsaich mi le iongantas nach eil a leithid a' mhapa ri fhaighinn sa Bheurla fhèin, gun luaidh air a' Ghàidhlig no a' Ghalldais. Gheibhear mapaichean prìomh-loidhneach, mapaichean sgìre-loidhneach agus mapaichean fo-bhailteach, ach chan fhaighear aon mhapa singilte sgeamàtach a sheallas a h-uile loidhne-rèile agus stèisein san dùthaich.

Mar sin chuir mi romham fear a chruthachadh agus a dh'fhoillseachadh saor is an asgaidh an seo air Newsnet. Ghabh mi mapa-rèile barraichte Srath Chluaidh, e-fhèin stèite air fear clasaigeach lìonra Fo-thalamh Lunnainn, agus leudaich mi e a-chum Alba gu lèir a chòmhdachadh. B'fheudar dhomh na slighean-rèile a chìthear a mhìneachadh ann an dòigh nas sìmplidh gu ìre, ach tha loidhnichean-rèile luchd-siubhail uile agus stèiseanan-trèana uile rim faicinn air a' mhapa ùr seo. Rinn mi am mapa sa Bheurla, sa Ghàidhlig agus sa Bheurla Ghallda.

...

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Faclair airson Riaghaltas Ionadail - Gàidhlig agus Beurla


Tùs: Comhairle nan Eilean Siar.
Air a lorg le: faoileag
Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar faclair ùr, an dà chuid Gàidhlig gu Beurla agua Beurla gu Gàidhlig. Ri fhaighinn air loidhne ann an cruth eBook no PDF an seo.
Às-earrann:
Press Release - 1st Septembert 2011

New Gaelic and English Dictionary

A new Gaelic and English dictionary covering the professional language of local government and business has been launched on the Comhairle nan Eilean Siar website. Containing over 7,500 headwords, the new dictionary has been produced by the European Language Initiative (TELI) in collaboration with Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council.

The dictionary can be accessed on the Comhairle nan Eilean Siar website (http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/dictionary.asp) and is available in e-book and PDF formats, free of charge.....


...Faclair Gàidhlig is Beurla Ùr

Tha faclair Gàidhlig agus Beurla ùr air cànan phroifeiseanta riaghaltas ionadail agus gnìomhachas air a bhith ga chuir air bhog air loidhne air làrach-linn Comhairle nan Eilean Siar. Tha am faclair ur, anns a bheil barrachd air 7,500 cinn-fhacail, air a riochdachadh le Iomairt Cànan na Roinn Eòrpa (TELI) ann an co-obrachadh le Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Is urrainnear am faclair a chleachdadh air làrach-linn Comhairle nan Eilean Siar agus gheibhear ann an cruth e-book agus PDF e, saor an-asgaidh.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Joomla! sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
'S e bathar-bog gus làraichean-lìn a chruthachadh a th' anns an Joomla!. Gheibhear fios mun phacaid cànain agus càite am faighear e an seo.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geamannan sa Ghàidhlig - Freeciv agus Tetris


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz is GunChleoc
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
Tha dà gheama ann a tha ri ùr fhaighinn sa Ghaidhlig agus an asgaidh cuideachd! Rinn akerbeltz sàr-obair air eadar-theangachadh Freeciv agus ghabh mi fhìn beagan tlachd le Tetris. Feumaidh tu Freeciv a stàladh air a' choimpiutair agad agus 's e geama air loidhne a th' anns an Tetris.

Gheibh sibh mìneachaidhean agus ceanglaichean gus Freeciv a stàladh an seo.

Is urrainn dhuibh Tetris a chluich an seo.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Eadar-theangachadh aig phpBB 3.0.9 ri fhaighinn


Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
Nochd tionndadh ùr aig a' bhathar-bhog phpBB agus chuir mi na atharrachaidhean ris na faidhlichean cànain. Tha Gnìomhan nan Rianairean a dhìth fhathast, ach tha a h-uile rud poblach sa Ghàidhlig. Gheibh sibh na faidhlichean an seo.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05