Chaidh tionndadh ur de
Strì Bheasnaid fhoillseachadh an-dè. Tha an sgioba air snas ùr a chur air agus tha mi air dà iomairt eile eadar-theangachadh:
Oighre na cathrach agus
Foghail nan deamhan. Tha iomadh iomairt eile feumach air eadar-theangachadh fhathast, mar sin ma tha ùidh agad ann, nach cuir thu taic dhuinn?
'S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th' ann an Strì Bheasnaid. 'S urrainn dhut a chluich 'nad aonar no air loidhne còmhla ri daoine eile.
On a tha na seann-tionndaidhean
so-leòinte a thaobh tèarainteachd, mholamaid gun dèan sibh ùrachadh cho luath 's a ghabhas.