Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr: Flare


Tùs: FLARE: Free/Libre Action Roleplaying Engine
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
flare-screenshot1.jpg flare-screenshot2.jpg flare-screenshot3.jpg
Tha mi air geama eile eadar-theangachadh air ur son is seo an t-inneal Flare (Free/Libre Action Roleplaying Engine). Thathar ag ràdh tu bheil an geama coltach ri Diablo is ma chòrd seo ruibh, còrdaidh Flare dhuibh cuideachd.
Chan e ach tionndadh alpha a th' ann gu ruige seo, mar sin tha rud no dhà sa Bheurla fhathast. Thèid seo a chàradh san àm ri teachd co-dhiù. Cuideachd, tha sinn an dùil gun tèid barrachd susbainte a dhèanamh airson a' gheama. 'S urrainn dhuibh cus ùine a chaitheamh leis mar a thà co-dhiù!



Gheibh sibh an geama fhèin air an làrach-lìn air Flare agus barrachd fiosrachaidh mun stàladh air a' bhòrd-bhrath againn.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Ceartachadh air a' mhìosachan 2014 - Calendar Corrections


miosachan2014.jpg
Fhuair mi post-d o Mhuileach ag innse dhomh nach robh a h-uile ainm-àite mar bu chòir. Tha mi duilich mu seo is chuir mi gu ceart iad:

I got an e-mail from a Muileach telling me that not all placenames were correct. I apologise for that and I have corrected them:

Gorstan -> Goirstean
Loch Donn -> Loch Dona
An Salen -> Sàilean Ruadh Chaluim Chille

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Mìosachan 2014 - 2014 Calendar


Eilean àlainn mo chridhe 's tu Muile mo ghràidh
An tìr tha fo choilltean le beanntan cur sgàil ...
miosachan2014.jpg
Seo mìosachan 2014 sa Ghàidhlig dhuibh an-asgaidh. Cha leig sibh leas ach a luchdadh a-nuas is a chlò-bhualadh. Tha dealbhan de Mhuile ann an turas seo. Tha mi 'n dòchas gun còrd e ruibh!

Here's a free Gaelic Calendar for 2014 for you. It's pictures from Mull this time. You only have to download and print it. Enjoy!

Faigh Mìosachan 2014 - Get 2014 Calendar (pdf, 1.6 MB)

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
openttd-logo.gif
Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas is cuid dhiubh air an eadar-theangachadh cuideachd.

Gheibh sibh an geama air an làrach-lìn aig OpenTTD is barrachd fiosrachaidh mun tionndadh Gàidhlig air a' bhòrd-bhrath againn.
openttd_screenshot.png

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh SuperTuxKart 0.8.1 fhoillseachadh


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
supertuxkartlogo.png
Chaidh tionndadh ùr dhen gheama SuperTuxKart fhoillseachadh. Tha slighean, cartaichean is modhan geama ùra is air an leasachadh na chois cho math ri leasachaidhean air an eadar-aghaidh. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu na tha ùr air an làrach-lìn SuperTuxKart is stiùireadh air mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air air a' bhòrd-bhrath againn.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05