Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh Megaglest 3.9.0 fhoillseachadh


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
megaglestlogo.png
Chaidh tionndadh ùr aig a' gheama Megaglest fhoillseachadh. 'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige.



'S urrainn dhut a luchdadh a-nuas an-seo.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Latha na Gàidhlig 22mh dhen t-Samhainn 2013


Tùs: An Lòchran
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
lathanagaidhligbanner112013.jpg
Bidh Latha na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu DiHaoine 22mh dhen t-Samhainn 2013. Nach dèan sibh Tweets is postaichean sa Ghàidhlig leis an taga #GULnaG air an latha?

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Cleasan ionnsachaidh don chloinn: GCompris


Tùs: GCompris
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
gcompris-logo.png
'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù.

Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail.

Chaidh tionndadh 13.11 fhoillseachadh a-nis is a' Ghàidhlig na bhroinn airson a' chiad turais. Ach am biodh na geamannan co-cheangailte ri litrichean is faclan a-rèir feumalachdan na Gàidhlig, bha sinn fiù 's an sàs ann am prògramachadh is mi fhìn air dà chànan ùr ionnsachadh (C is Python ;)). Barrachd air sin, chlàraich sinn guth cuideigin aig a bheil Gàidhlig bhrèagha on ghlùin. Mòran taing do dh'Akerbeltz a chuir seo air dòigh! Tha sinn fhathast ag obair air a' phrògramachadh airson aon dhe na geamannan, ach tha a h-uile càil eile dèanta ach am freagair e dhan a' Ghàidhlig.

Gheibh sibh barrachd fiosrachadh mu dhèidhinn air a' bhòrd-bhrath againn.


GCompris is a high quality educational software suite comprising of numerous activities for children aged 2 to 10. Some of the activities are game orientated, but nonetheless still educational. Currently GCompris offers in excess of 100 activities and more are being developed. GCompris is free software, that means that you can adapt it to your own needs, improve it and, most importantly, share it with children everywhere.

Version 13.11 has now been released with Gaelic in it for the first time. In order to make the games related to letters and words work for Gaelic, we even got involved in the programming an I myself learned two new languages (C and Python ;)). We also recorded the voice of a native speaker with beautiful Gaelic. Many thanks to Akerbeltz who took care of this! We are still working on the programming for one of the games, but everything else is finished to fit the Gaelic language. We have compiled installation information for you on our forums.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Ubuntu 13.10 ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
ubuntu-logo.gif
Chaidh an siotsam-obrachaidh Ubuntu 13.10 ("Saucy Salamander") fhoillseachadh is 's urrainn dhuibh a' Ghàidhlig a chur ris. Chan eil sinn air a h-uile dad eadar-theangachadh fhathast, ach tha na chì sibh mar as trice deiseil. Gheibh sibh mìneachaidhean air mar a stàlaicheas sibh e air iGàidhlig.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Madainn chofaidh ann an Inbhir Nis Disathairne 28mh


Tùs: Post-d
Roinnean-seorsa: Tachartasan - Events
Bidh madainn chofaidh ann an Inbhir Nis (Ionad Spectrum) Disathairne 28mh An t-Sultain eadar 10m 's 12 meadhan latha.

There will be a coffee morning in Inverness (Spectrum Centre) on Saturday 28th September between 10am and 12 noon.
Às-earrann:
'S e cothrom còmhraidh neo-fhoirmeil a bhios ann agus tha fàilte mhòr ron a h-uile duine tighinn ann (an dà chuid fileantaich agus daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig!) Bidh sinn a' cumail mhadainnean cofaidh mar seo air an Disathairne mu dheireadh den a h-uile mìos eadar seo 's an t-Samhain. Barrachd fios: http://www.cli.org.uk/gaelic/madainnean-inbhir-nis/. 'N dòchas gum faic sinn ann sibh!

It's an informal conversation opportunity and everybody is warmly welcome to attend (both fluent speakers and those learning Gaelic!). We will be holding coffee mornings like this on the last Saturday of every month between now and November. More info: http://www.cli.org.uk/mornings-inverness/ Hope to see you there!


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05