Naidheachdan   –   News

Naidheachdan   –   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Làrach-lìn ùr iGàidhlig air fhoillseachadh


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: faoileag
igaidhlig-logo.png
Tha Akerbeltz chòir air dreach ùr a chur air an làrach-lìn iGàidhlig. Air an làrach-lìn ud, gheibh sibh a h-uile fiosrachadh air mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air a' choimpiutair no air an fhòn agaibh. Tha torr ghoireasan eadar-dhealaichte ann, o mhìneachaidhean air mar a chleachdas sibh sràcan air a' choimpiutair gu dearbhairean-litreachaidh no geamannan. Nach tadhail sibh air an làrach-lìn ùr aig www.igaidhlig.net?

Akerbeltz has created a new look for the iGàidhlig site. On this site, you will find everyting you need to know about putting Gaelic on your computer or phone. There's a lot of different resorces, from guides on how to type accents to spellcheckers or computer games. Visit the new site at www.igaidhlig.net.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

OpenTTD 1.3.2


Tùs: OpenTTD
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
openttd-logo.gif
Seo geama eile a chaidh ùrachadh fhad 's a bha mi thall thairis. Tha càraidhean air bugaichean an cois an tionndaidh seo agus gheibh sibh air làrach-lìn OpenTTD e.

'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Strì Bheasnaid 10.0.7


Tùs: Battle for Wesnoth
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
wesnothlogo.png
Chaidh tionndadh ùr den gheama ro-innleachd fantastachd Strì Bheasnaid - The Battle for Wesnoth fhoillseachadh on a chàraich iad mearachd no dhà. A thaobh na Gàidhlig, tha sinn air am prìomh fhaidhle taice eadar-theangachadh gu tur a-nis ged a tha mìneachaidhean air mòran aonadan a dhìth fhathast. Mar as àbhaist, gheibh sibh an geama air www.wesnoth.org agus tha liosta air na dh'atharraich ri fhaighinn air a' bhòrd-bhrath aca.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Microsoft Office 2013 ann an Gàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
microsoftofficelogo.svg
Tha mi beagan anmoch leis an naidheachd seo on a bha mi a' siubhal, ach thàinig Microsoft Office a-mach sa Ghàidhlig am mìos seo. Ma tha sibh air an tionndadh 13 de dh'Office a cheannach mu thràth, gheibh sibh an tionndadh Gàidhlig an-asgaidh ge b' e dè an cànan a bhios agaibh air an-dràsta. Chan eil dearbhair-litreachaidh an cois airson na Gàidhlig co-dhiù is mholamaid LibreOffice fhathast air sàilleibh seo. Sgrìobh Aberbeltz chòir trèoir air mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air Office.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh Opera 15 fhoillseachadh


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: akerbeltz
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
operalogo.png
Chaidh tionndadh ùr aig a' bhrabhsair-lìn Opera (an tionndadh 15 a tha stèidhichte air Chrome) fhoillseachadh is tha a' Ghàidhlig agus An Dearbhair Beag na bhroinn. Gheibh sibh am bathar-bog air an làrach-lìn aig Opera agus mìneachadh air mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air air an Fhòram. Taing do dh'Akerbeltz a-rithist!


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 26mh dhen Dàmhair 2022 13:50:05