Bathar-bog don chlann – Software for children
'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù. Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail.
GCompris is a high quality educational software suite comprising of numerous activities for children aged 2 to 10. Some of the activities are game orientated, but nonetheless still educational. Currently GCompris offers in excess of 100 activities and more are being developed. GCompris is free software, that means that you can adapt it to your own needs, improve it and, most importantly, share it with children everywhere.
Le Scratch, 's urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh -- agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail cruthachail is rianail agus mar a dh'obraicheas iad còmhla -- seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn. 'S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th' ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh.
With Scratch, you can program your own interactive stories, games, and animations -- and share your creations with others in the online community. Scratch helps young people learn to think creatively, reason systematically, and work collaboratively -- essential skills for life in the 21st century. Scratch is a project of the Lifelong Kindergarten Group at the MIT Media Lab. It is provided free of charge.
'S e prògram tarraing dhealbhan an asgaidh a th' anns an Tux Paint a choisinn duaisean agus a bhios freagarrach don chlann eadar 3 is 12 bliadhna a dh'aois (mar eisimpleir, sgoil-àraich is bun-sgoil). Tha Tux Paint 'ga chleachdadh ann an sgoiltean air feadh an t-saoghail gus tarraing dhealbhan air a' choimpiutair ionnsachadh don chlann. Cuiridh e ri chèile eadar-aghaidh a bhios furasta cleachdadh, èifeachdan fuaime spòrsail agus mascat cartùn a threòraicheas an clann nuair a chleachdas iad am prògram. Gheibh a' chlann canabhas bàn agus roghainn de acainnean peantaidh a bheir cuideachadh dhaibh gus a bhith cruthachail.
Tux Paint is a free, award-winning drawing program for children ages 3 to 12 (for example, preschool and K-6). Tux Paint is used in schools around the world as a computer literacy drawing activity. It combines an easy-to-use interface, fun sound effects, and an encouraging cartoon mascot who guides children as they use the program. Kids are presented with a blank canvas and a variety of drawing tools to help them be creative.
An deasachadh mu dheireadh: 15mh dhen Ògmhios 2022 11:56:27