Buidhnean na Gàidhlig – Gaelic Organisations
'S e amasan Ainmean-Àite na h-Alba aineam-àite Gàidhlig a stèidheachadh air feadh na h-Alba le sùil ri cumaidhean eachdraidheil 's ri daingneachadh cleachdaidhean an latha an-diugh, litreachadh seasmhach a chur an gnìomh air Gàidhlig ann an ainmean-àite agus na cumaidhean seo a bhrosnachadh mar ainmean stèidhte.
The purpose of Ainmean-Àite na h-Alba is to determine authoritative forms of Gaelic place-names across Scotland with reference to both research into historical forms and consolidation of current usage, to apply consistent orthography of Gaelic in place-names, and to encourage the adoption of these forms of Gaelic place-names
'S e An Comunn Gàidhealach tè de na buidhnean as sinne 's aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha i air cliù a dhearbhadh ann an teagaisg, ionnsachadh agus cleachdadh a' chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a' dol am meud, tha An Comunn fhathast a' daingneachadh na amais a bhith a' brosnachadh agus a' neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
An Comunn Gàidhealach is one of the oldest and most respected Gaelic organisations. Founded in Oban in 1891, it has long been a leading light in the teaching, learning and use of the Gaelic language and the study and cultivation of Gaelic literature, history, music and art. Through the organisation and running of the Royal National Mòd and grass roots community development work, An Comunn Gaidhealach continues to further its aim of supporting and developing all aspects of the Gaelic language, culture, history and heritage at local, national and international levels.
An Comunn Gàidhealach Ameireaganach strives to promote and preserve the Gaelic language and culture by supporting Gaelic language study and interest in Gaelic literature, song, music, art and history in North America and the world.
'S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th' ann am Bòrd na Gà idhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phà rlamaid na h-Alba.
Air a stèidheachadh fo Achd na Gà idhlig (Alba) 2005 (An Achd) 's e Bòrd na Gà idhlig a' phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gà idhlig a chur air adhart agus gus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gà idhlig.
Fo chumhachan na h-Achd, thathar ag iarraidh air Bòrd na Gà idhlig a dhleastanasan a thoirt gu buil leis an amas inbhe na Gà idhlig a dhèanamh tèarainte mar chà nan oifigeil ann an Alba, a bhios a' dleasadh na h-aon spèis agus a th' ann don Bheurla.
Bilingualism Matters is a research and information centre at the University of Edinburgh, founded by Prof. Antonella Sorace in 2008. We study bilingualism and language learning, and communicate what we know to enable people to make informed decisions based on scientific evidence. We have partner branches run by international teams of researchers in many countries around the world. We think that everyone can enjoy the benefits of having more than one language.
We believe that real change happens through dialogue between researchers and the community. We work in partnership with parents, teachers, health professionals, policy makers and employers to help create impact in people's daily lives. There are now branches of Bilingualism Matters all over the world.
Research has shown that bilingualism is beneficial for children's development and their future. Children exposed to different languages become more aware of different cultures, other people and other points of view. But they also tend to be better than monolinguals at 'multitasking' and focusing attention. They are often more precocious readers, and generally find it easier to learn other languages. Bilingualism gives children much more than two languages!
More recent research also suggests that learning another language may have benefits in later life, delaying the onset of dementia symptoms, and slowing cognitive aging. The good news is that these benefits seem to exist even when people learn a second language later in life. So it is never too late.
B' e Clì Gà idhlig (a bha air ainmeachadh Comann an Luchd-Ionnsachaidh o thùs ann an 1984) buidheann a tha a' brosnachadh na Gà idhlig a-measg luchd-ionnsachaidh.
Bha iad a' cumail chùrsaichean còmhnaidh tron Alba agus a' foillseachadh an rà itheachan dà -chà nanach Cothrom.
B' e Domhnall Iain Mac an t-Saoir an stiùiriche a bh' aca fad iomadh bliadhna.
Aig coinneimh shònraichte den bhallrachd air 2016-11-14 chaidh co-dhùnadh a dhèanamh an comunn a dhùnadh sìos, seach nach robh dòigh ann cumail a' dol an déidh don chomunn maoineachadh bho Bhòrd na Gà idhlig a chall.
Chaidh a' bhuidheann ClannGàidhlig a' stèidheachadh ann am Màirt 2004 airson cànan agus cultar na Gàidhlig adhartachadh anns na sgìrean ionadail aig comhairlean Siorrachd Rinn Friù, Inbhir Chluaidh agus Siorrachd Rinn Friù an Ear.
Clann Gàidhlig was established in March 2004 to promote and develop the Gaelic language and culture in the areas covered by the local authorities of East Renfrewshire, Inverclyde and Renfrewshire.
Bidh an Comann a' cur air dòigh sreath òraidean a' buntainn ris a' Ghàidhlig agus a' Ghàidhealtachd, a' coinneachadh gach mìos air oidhche ArdAoin ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
The Society organises a series of talks on a range of subjects relating to Gaelic and Highland life every year, meeting monthly on Thursday nights in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a' riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. 'S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a' cur air adhart agus a' toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". 'S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985. Feumaidh taic nam pàrant leantainn ma tha tuilleadh adhartais a' dol a thighinn air an t-siostam foghlaim seo.
Comann nam Pàrant (CnP), which means "Parents' Organisation", consists of a network of around 30 local groups, representing the interests of parents whose children are educated through the medium of Gaelic at the various levels, from pre-school to secondary level. The main aim of all CnP groups is "to promote and support the establishment and maintenance of education through the medium of Gaelic". It was as a result of the efforts of parents that Gaelic medium education (GME) first began in 1985. Continued parental support will be necessary to ensure further progress in this system of education.
Tha Comhairle na Gàidhlig an dùil a bhith na meadhan air àrainneachd a chruthachadh far an soirbhich le cànain, le cultar agus le coimhearsnachdan.
The mission of Comhairle na Gàidhlig is to lead in creating an environment that makes Nova Scotia a place where Gaelic language, culture, and communities thrive.
Tha Comunn Gàidhlig Astràilia na bhuidheann coimhearsnachd neo-phrothaideach a tha a' misneachadh cànan is cultar nan Gaidheal ann an Astràilia. Bhiodh sinn toilichte a bhith a' cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh anns na nithean sin.
Tha a' bhallrachd air a dèanamh an-àirde an dà chuid de fhileantaich agus de luchd-ionnsachaidh. Tha buill againn à feadh Astràilia agus thall thairis. Tha sinn a' foillseachadh an ràitheachan An Teachdaire Gaidhealach a tha air a chur a-mach gu na buill uile. Bidh sinn a' cur co-chruinnichean is tachartasan cultarail is clasaichean air dòigh bho àm gu àm.
Comunn Gàidhlig Astràilia (The Scottish Gaelic Association of Australia) is a non-profit organisation which supports the language and culture of Scottish Gaels in Australia. We welcome contact from anyone with an interest in these subjects.
Our members include native speakers and learners. Although we are based in Sydney, we have members all over Australia and overseas. We produce a quarterly journal (An Teachdaire Gaidhealach) which is sent to all members, and we organise gatherings, events and occasional classes.
The Gaelic Society of Inverness was established in 1871 for the specific purpose of "cultivating the language, poetry and music of the Scottish Highlands and generally furthering the interests of the Gaelic-speaking people". It has continued this work for over 130 years. Central to the Society is a series of between eight and ten meetings, held in each winter in Inverness, at which invited speakers present papers to the Society. Every two years or so a selection of these papers is published in book form in the Transactions of the Gaelic Society of Inverness.
Tha barrachd rudan Gàidhlig a' dol ann an Lunnainn na shaoileadh tu. Nan teis-meadhan, bho riamh, tha Comunn Gàidhlig Lunnainn; comunn a chaidh a stèidheachadh anns an ochdamh linn deug. Is e an comunn Gàidhlig as sine air thalamh.
Gach bliadhna, tha an Comunn a' cur air adhart tachartasan a bu chòir a bhith air am frithealadh le duine sam bith aig a bheil spèis dhan Ghàidhlig: Feasgar Litreachais, an còmhnaidh le sgrìobhadair cliùiteach; suipeir buntàt' is sgadan; suipeir Burns le blas Gàidhlig; cèilidhean le seinneadairean ainmeil anns an t-seann nòs; òraidean ùidheil bho luchd-labhairt deas-bhriathrach.
Tha an Comunn a' brosnachadh's a' tacachadh luchd-ionnsachaidh a chànain, agus pìobaireachd cuideachd.
'S e buidheann carthannais clàraichte a th'anns a' Chomunn agus faodaidh neach sam bith a dhol 'na bhall, Gàidhlig ann neo as.
There is more Gaelic in London than you may know about, and the Gaelic Society of London is at its heart. Founded in 1777, it is the oldest Gaelic Society in existence.
There are regular functions which no Gaelic speaker or lover of Gaelic should miss: a Literary Evening addressed by a prominent writer; the annual Tattie and Herring supper; a Burns Supper with a Gaelic slant; ceilidhs with famous singers and talks by famous speakers.
The Society is also a charity, encourages the learning of Gaelic and encourages piping.
Membership is open to all.
Bho ìre eadar-nàiseanta gu ìre choimhearsnachd, tha CnaG a' neartachadh na Gàidhlig anns gach àite.
Chaidh Comunn na Gàidhlig (CnaG) a stèidheachadh ann an 1984 gus leasachadh na Gàidhlig a cho-òrdanachach. Ag obair aig ìrean ionadail, roinneil agus nàiseanta, tha bòrd-stiùiridh againn le riochdairean bho bhuidhnean eile.
Ranging from international to community level, CnaG strengthens Gaelic in each area.
Comunn na Gàidhlig (CnaG) was established in 1984 as a co-ordinating Gaelic Development Agency. Operating at local, regional and national levels, CnaG has a Board of Directors which includes representatives from other organisations.
Chaidh Plana Gàidhlig Shiaboist a chur air dòigh le muinntir na sgìre fhèin a thàinig còmhla gus "Fòram Gàidhlig Shiaboist" a stèidheachadh còmhla ri riochdairean o Bhòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig eile. Chaidh am Fòram a stèidheachadh an dèidh 'Latha Gàidhlig Shiaboist' far an deach fiosrachadh a thoirt dhan choimhearsnachd air staid na Gàidhlig an Siabost, a' leantainn rannsachadh a bh' air a dhèanamh. Bhon uair sin tha am Fòram air mòran obrach a dhèanamh a' comharrachadh nam prìomh raointean obrach far an tèid a' Ghàidhlig fhoillseachadh san sgìre. Taobh a-staigh na duilleig sa chì sibh diofar chur-seachadan, bùithtean-obrach is tachartasan eile a thèid an lìbhrigeadh sna mìosan air thoiseach oirnn agus cò iad na buidhnean air am bheil uallach an lìbhrigeadh.
'S e com-pàirteachas leasachaidh a th' ann an Iomairt Ghàidhlig Dùn Èideann. Tha e a' toirt cumhachd don choimhearsnachd airson leasachadh na Gàidhlig le taic 's stiùireadh bho Chomunn na Gàidhlig.
Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann (Edinburgh Gaelic Initiative) is a community partnership with membership from those interested in Gaelic. It gives the community the power to make decisions about Gaelic activity and support is provided by Comunn na Gàidhlig.
Sìol Cultural Enterprises is a privately owned and operated Gaelic retailer-wholesaler (Tha a' Ghàidhlig aca ma bhios sibh ag iarraidh 'ga bruidhinn). They specialize in Scottish Gaelic books, tapes and videos from both Scotland and Nova Scotia (in eastern Canada).
Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba. Ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, tha MG ALBA air BBC ALBA, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh.
The remit of MG ALBA (the operating name of Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig or Gaelic Media Service) under the Communications Act 2003 is to ensure that high quality television programmes in Gaelic are made available to persons in Scotland. In partnership with the BBC, MG ALBA has established BBC ALBA, the Gaelic digital service.
Tha am buidheann fosgailte seo a' feuchainn ri misneachd a thoirt dhan h-uile duine ann an Alba a bhith pròiseil às a' chànan againn. Is i cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba, bu chòir misneachd a bhith againn ga cleachdadh.
NAACLT is a non-profit professional organization bringing together Celtic language teachers and researchers in Canada and the United States. The association wishes to enable its members to contribute to the greater field of second/foreign language learning through conference participation and publications.
Clasaichean Gàidhlig do dh'inbhich is trèanadh oidean.
Gaelic classes for adults and tutor training.
An deasachadh mu dheireadh: 15mh dhen Ògmhios 2022 11:58:48