Naidheachdan   -   News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News
Ceann na duilleige

Geama ùr: Valryia Tear

17mh dhen Dùbhlachd 2019 07:48:58
Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
valyriatear-screenshot01.png valyriatear-screenshot06.png valyriatear-screenshot08.png valyriatear-screenshot04.png
'S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th' ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach. Tha a' chiad eapasod dheth deiseil a-nis.

Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach 's èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol.

Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd.

Gheibh sibh e air valyriatear.blogspot.com. Nollaig chridheil dhuibh!


Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=35