MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Intergaelic - Faclair 's inneal eadar-theangachaidh o Ghaeilge gu Gàidhlig 's Gaelg


Tùs: Intergaelic
intergaelic-logo.gif
Ma tha thu airson facal eadar-theangachadh o Ghàidhlig gu Gàidhlig na h-Èirinn no Eilein Mhanainn, cha bhi feum agad air a' Bheurla tuilleadh on a tha am faclair ùr Intergaelic againn.
intergaelic-screenshot.png
'S urrainn dhut a chleachdadh mar fhaclair àbhaisteach, ach tha inneal eadar-theangachaidh ri fhaighinn cuideachd a sheallas an teacsa tùsail agad dhut còmhla ris an eadar-theangachadh. Tha seo feumail ma tha thu ag amas taic fhaighinn le corra facal a thuigsinn san aon dòigh a chuidicheadh Wordlink thu. Chaidh Intergaelic a chlàradh le Wordlink mar-thà, mar sin 's urrainn dhut an eadar-aghaidh sin a chleachdadh cuideachd ma thogras tu. Cleachd an ceangal seo gus an duilleag seo a leughadh le taic Wordlink agus fheuchainn.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Enigmail - Cum na puist-d agad dìomhair saor ’s an-asgaidh


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
enigmail_logo.png
Am biodh tu deònach na litrichean digiteach agad a chur mar chairtean-puist? Chan eil sinn an dùil gum biodh.

Nuair a chuireas tu post-d gun chrioptachadh, tha e mar a chuireadh tu cairt-phuist – 's urrainn do dhuine agus siostam sam bith a làimhsicheas na puist-d agad an t-susbaint a tha nam broinn a leughadh. Ma chrioptaicheas tu am post-d agad, cuiridh tu an teachdaireachd ann an ceiseag nach urrainn ach dhan fhaightear aice fhosgladh.
enigmail-screenshot1.png
Tha fuasgladh ann air a shon co-dhiù. 'S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a th' ann an Enigmail agus chaidh eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig a-nis cuideachd. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh 's a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.
Gheibh thu stiùireadh air mar a stàlaicheas tu e air a' bhòrd-bhràth agus dh'ullaich sinn video YouTube dhuibh cuideachd.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Siubhail an domhan le Pioneer


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: GunChleoc
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
pioneer-screenshot1.png pioneer-screenshot2.png pioneer-screenshot3.png pioneer-screenshot4.png
Tha a' Ghàidhlig 'ga bruidhinn air feadh an domhain a-nis - air a' choimpiutair agad co-dhiù! 'S e geama dàna-thuras an fhànais a th' ann am Pioneer a chaidh a shuidheachadh san reul-chrios againne air toiseach an 31mh linn. Seo geama Open Source a tha ri fhaighinn an-asgaidh airson Windows, Linux is Mac.
pioneer-logo.png
Chan eil crìoch stèidhichte air a' gheama agus tha iomadh seòrsa beòshlainte ri fhaighinn am measg nan reultan. Bi an toir air cliù agus fortan a' rùrachadh milleanan de rianan-rèile. Rach 'nad eucoireach 's tusa ri spùinneadaireachd, cùiltearachd no sealg tasgail. Stèidhich is bris caidreachasan leis na buidhnean a tha a' sabaid airson cumhachd no saorsa. Tha an domhan na nì thu dheth.

Pioneer is a space adventure game set in our galaxy at the turn of the 31st century. The game is open-ended, and you are free to eke out whatever kind of space-faring existence you can think of. Look for fame or fortune by exploring the millions of star systems. Turn to a life of crime as a pirate, smuggler or bounty hunter. Forge and break alliances with the various factions fighting for power, freedom or self-determination. The universe is whatever you make of it.
Faigh Pioneer saor 's an-asgaidh air pioneerspacesim.net

Pioneer is freely available from pioneerspacesim.net

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an cànan prògramachaidh Sratch ri fhaighinn sa Ghàidhlig


Tùs: Fòram na Gàidhlig
scratch-logo.png
Le Scratch, 's urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh -- agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail cruthachail is rianail agus mar a dh'obraicheas iad còmhla -- seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn.

With Scratch, you can program your own interactive stories, games, and animations -- and share your creations with others in the online community. Scratch helps young people learn to think creatively, reason systematically, and work collaboratively -- essential skills for life in the 21st century.
Chruinnich mi eisimpleirean de phròiseactan sa Ghàidhlig san stiùideo "Stuth sa Ghàidhlig". Gabhaidh na pròiseactan a leabachadh ann an làraichean-lìn cuideachd:

I have collected examples of Gaelic projects in a "Stuth sa Ghàidhlig" studio. The projects can be embedded in websites as well:







'S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th' ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh. 'S urrainn dhut a chleachdadh air scratch.mit.edu. Taghaidh tu do chànan aig bonn na duilleige-lìn aca.

Scratch is a project of the Lifelong Kindergarten Group at the MIT Media Lab. It is provided free of charge. You can access it at scratch.mit.edu. You can select your language at the bottom of their webpage.

'S e obair mhòr a th' ann an làrach-lìn aca eadar-theangachadh, mar sin chan eil e coileanta fhathast agus feumaidh gu bheil mearachd no dhà ann. Ma lorgas tu tè, an innis thu dhomh mu dhèidhinn?

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh SuperTuxKart 0.9 fhoillseachadh


Tùs: SuperTuxKart
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
supertuxkart-0.9-screenshot-2.jpg supertuxkart-0.9-screenshot-8.jpg
Chaidh tionndadh ùr dhen gheama rèisidh SuperTuxKart fhoillseachadh. Tha e stèidhichte air einnsein grafaigeachd ùr agus chaidh tracaichean ùra snasail a chur ris. 'S urrainn dha na cluicheadairean euchdan a chruinneachadh cuideachd a-nis.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh, glacaidhean-sgrìn agus luchdaidhean a-nuas saor 's an-asgaidh air làrach-lìn SuperTuxKart.


A new version of the racing game SuperTuxKart has been published. It is based on a new graphics engine and they have added some new shiny tracks. Player can now also collect achievments.

You can get more information, screenshots and free downloads on the SuperTuxKart website.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 30mh dhen Iuchar 2018 15:22:37