Alba

runrig-the-cutter-and-the-clan.jpg
 
The Cutter and the Clan

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Air sgiath a' seòladh nan neòil
'S an domhain liath
Mar dhealbh a' tighinn beò tro na sgòthan

'S mi a' tilleadh gu tìr

Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mòintich
Nan coilltean 's nan gleann

Alba

Ach 's e sealladh leòinte is gann
Tha an seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis

Cuibhlean stòlda mu dheas
Na fàsaichean a' tuath
An taigh-mòr falamh an Dùn-Èideann
Gun chumhachd gun ghuth

Alba

Sibhse chuir achadh ri achadh
Taigh ri taigh
Gus nach bi àite anns an tìr
'S an gabh sibh còmhnaidh air leth

Ach 's math dhomh bhith seo an dràsd
A' cur fàilt air a' bhlàths
'S an tìr a tha cho ùr dhomh an diugh
Is a bha i nuair bha mi 'nam phàisd
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:16:32