Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Chi Mi 'n Tir

runrig-news-from-heaven.jpg
 
News from Heaven

Faclan aig Iain Dòmhnall MacCumhais

Sealladh clò-bhualaidh


Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach
'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach

À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad
'S i leinn an uair tighinn tuath air Sgalpaigh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach

Chì mi Mànais is Ceann an t-Sàile
Caolas Bheàrnaraigh is tràighean Phabaidh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach
'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach

Chì mi 'n t-iasgair a' cur nan lìon ann
Is gum b' e mo mhiann bhith 'sa chiar 'gan tarruing
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach

Nam faighinn òrdainn gur mi bhiodh deònach
A gheòla "loradh" 's a seòladh dhachaidh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach
'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh
Chì mi 'n tìr 'san robh mi 'nam bhalach
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:25:28