Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Chi Mi'n Geamhradh

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd' fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche nochd fuar

Shaoilinn fhèin gur ann an dè
Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh
Fad an fheasgair air an dùn
'S tu laighe leisg ri mo thaobh

'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth

Chan fhan a' ghrian fad na bliadhna
Cha sheas an uair mar a tha i
Dh'fhalbh thusa dhan a' cheò
'S dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh

'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:26:23