Da Mhile Bliadhna

runrig-in-search-of-angels.jpg
 
In Search of Angels

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Fo na gealaichean
Air rathad dà mhìle bliadhn'
(Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan)

Cò chreideadh na dh'fhairich sinn
'S na chunnaic sinn ri ar linn

Dh'fhàs am fàsach suas
Far an do chuir sinn sìol ar nàire

Dìleab mòr nan daoine
An t-acras is am pathadh


Anns an aineolas
Chaidh ar gàirdeachas air chall

Dà mhìle bliadhna
Air an rathad leathainn mhall

Tha mi dìreadh a' chnuic as àird'
Airson sealladh, dhan an talamh
Air cùl a' ghlinne taobh eile thall


Air sràidean baile a mhaireas
An là nach crìochnaich is nach gluais

Tro na h-àireamhan
Mar fhàradh thèid sinn suas

Anns an dealachadh
Atharraichidh sinn am priobadh sùil

Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na làithean buan
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:30:40
© 1999 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.