Proterra
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach
Tha faileas air an àirigh
Faileas air an àirigh
Tha 'n long a-muigh 'ceann a bhàigh
Air madainn Chèitean tràth
Tha grian ar cuimhne ag èiridh
Grian ar cuimhne ag èiridh
A' siubhal sràidean dùthaich ghalld'
Tro bhailtean saoghal chèin
Tha 'm feasgar ciùin 's na siantan blàth
Tha grian 's an iar mar mheall de'n òr
An cuan mar sgathan gorm gun sgleò
Is bu mhòr mo mhiann bhi 'n Uibhist leat
Togaidh sinn ar fonn an àrd
Togaidh sinn ar fonn an àrd
'S ged' tha mi fada bhuat
Cha dhealaich sinn a' chaoidh