Oran

runrig-the-stamping-ground.jpg
 
The Stamping Ground

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Anail mo bheatha,
Anail mo bhithe
(Anail mo bheatha)
A' gairm nam anam
'S a togail mo chridhe
('S a togail mo chridhe)

'S mi nam sheasamh ma d' choinneamh
Gun fhiamh, gun mhiann
('S mi nam sheasamh ma d' choinneamh)
Thig uallach na maidne
Nuair dh'èireas a' ghrian
(Nuair dh'èireas a' ghrian)

Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bhàrr an t-slèibh

Tha an salm mar lasair
A' boillsgeadh gach àite
(Tha an salm mar lasair)
Dh'fhosgail mo bhilean
Nuair thòisich an latha
(Nuair thòisich an latha)

Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bhàrr an t-slèibh

Seinn, seinn, seinn
Òran ùr, òran an ùir
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:03:14