Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > Nach Neonach Neisd A Tha E

Nach Neonach Neisd A Tha E

1978

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Nach neònach neisd a tha e
A bhi seòladh air ais a rithist
Cha bhi thusa mar a b' àbhaist
Na mo choinneamh air a chidh'
'S cha d' fhiach an teine oidhche
Gun do chòmhradh 's do ghàir
Chan fhaic mi thu a rithist

Ged tha an latha cho bòidheach
'S ged tha an t-àite cho brèagha
'S ged tha a' ghrian a' deàrrsadh
'S ged tha a' mhuir cho ciùin
'S ged tha mi mar an fhaoileag
Cho sona 's cho saor
Chan fhaic mi thu a rithist

Atharraichidh an t-saoghal
Mar a dh'atharraicheas an t-sìde
Aon latha tha a' ghlainne 'g èirigh
'S an ath latha tha i sìos
Chunnaic mi an t-uisge
'S chunnaic mi a' ghrian
Ach chan fhaic sinn do leithid a rithist
Ceann na duilleige
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:57:32

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=100