Òrain Runrig / Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > An Cuibhle Mor

An Cuibhle Mor

, 1991

runrig-the-big-wheel.jpg
 
The Big Wheel

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Na cuibhlichean a' tionndadh
An rathad deas agus tuath
Na cuibhlichean a' gluasad
Mar tha 'saoghal, iad a' tionndadh mun cuairt

Glaschu. Dùn Èideann. Inbhir Nis. Sruighlea.

Na cuibhlichean a' tionndadh
Gach dùthaich muir agus tìr
Tro' ghleanntan tro' bhailtean
a dh'ionnsaigh an àite agaibh fhèin

Steòrnabhagh. Obar Dheadhain.
An Gearasdan. Dùn Deagh.
Lunnainn. A' Ghearmailt
Èirinn. Ameireaga.

An cuibhle mòr nach stad gu bràth
Tionndadh òganaich gu aois
A-nochd tha 'n rathad mòr nar coinneamh
Gun àm ann ach an dràsd

An cuibhle mòr, an cuibhle mòr

'S ioma là chaidh seachad
A ghaoth a seideadh tro an ùir
'S ioma là bha a' ghrian ag èirigh oirnn
Seasamh anns an eòrna nuair a bha sinn òg
Àghmhor. Àghmhor.
A' ruith tro na raointean 's iad a' fàs
Abaich, òrach
Coimhead ri na speuran
'S ioma là, 's ioma là, 's ioma là
Feitheamh 'son a chuairt

An cuibhle mòr, an cuibhle mòr
Ceann na duilleige
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:28:57
© 1991 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=50