Òrain Runrig / Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > Ribhinn O

Ribhinn O

, 1981

runrig-dance-called-america.jpg
 
Dance Called America

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann
Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam

Tiugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh, dathan earraich ann
Tiugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh, dathan earraich ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam

Thèid sinn 'null air an aiseig
Tarsainn air a chuan thèid sinn ann
Thèid sinn 'null air an aiseig
Tarsainn air a chuan thèid sinn ann
Tiugainn leam a rìbhinn òg
Tiugainn leam a nighean, tiugainn leam

A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
A rìbhinn o, a ho o hi o, ho ro
A rìbhinn o, a rìbhinn o, a rìbhinn o, a ho ro
Ceann na duilleige
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:01:58
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=84