Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > Tir An Airm

Tir An Airm

1981

runrig-recovery.jpg
 
Recovery

Faclan aig Calum Dòmhnallach

An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo gràidh sìtheil sona
'S chì thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan brèagh 'sa mhonadh

Ho ro horain O
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horain O

A' coimhead a mach air madainn chiùin
Air ball mòr cruinn os cionn na beinne
'S bhon os ciùin na tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara

'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran as ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig

Nis leugh t-eachdraidh, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an airm
Stampadh air na croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist

Cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mise an corr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatuinn fhoilleil
Cha seas mi ach 'son sìth nan eilean

Ho ro horain O
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horain O
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:04:58
© 1981 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=93