Faclan Òrain Runrig     -    Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > An Toll Dubh

An Toll Dubh

1981

runrig-recovery.jpg
 
Recovery

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Taobh cùil an dorais - cha bhi grian
Suidh aig bòrd
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon
Taobh cùil an dorais - cha bhi grian
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon

Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain

Thàinig e à Sasainn ann
Thàinig e
Le eachaibh luath is iuchair throm
Thàinig e à Sasainn ann
Le eachaibh luath is iuchair throm

Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal 'na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain

Air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
Cha bhi gealach
'S dubh an oidhche chaidleas sinn
Air làr 'san toll-dhubh - cha bhi grian
'S dubh an oidhche chaidleas sinn

Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gaidheal 'sa leabaidh
An Gaidheal 'na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Ceann na duilleige
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 06:32:25

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=94