Òrain Runrig / Runrig Lyrics

Fòram na Gàidhlig > Goireasan / Resources > Òrain Runrig / Runrig Lyrics > Duisg Mo Run

Duisg Mo Run

, 1978

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Dùisg mo rùn is tuiginn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhalloch, cuir am baile ri d' chùl
Is leanaidh sinn a' ghealaich.

A' seasamh air an rathad dol tuath
Do'n Eilean Sgiathanach air cuairt
Chì sinn oidhche air rathad a' Chaoil
'S na Cuiltheann anns a' mhadainn.

Cum a mach do shùil is èisd
'son cuibhlean luath an làraidh èisg
'S thèid sinn le ar n-òrdag na'r n-ùine fhèin
Nas fhaisge air an eilean.

Tha'n t-àm seo 'n bhliadhna neisd air tighinn
A bhith air ais 'san fhraoich a rithis 'se mo mhiann
Teas an fheasgair air mo dhruim
Is Sgurr a' Mhadadh Ruadh 'nam choinneamh
Ceann na duilleige
An deasachadh mu dheireadh: 12a dhen Mhàrt 2019 05:35:30
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.

Source: https://www.foramnagaidhlig.net/?page=98