[AD]

samhla

AiligS¨il air Sp˛rs le Ailig O' Hianlaidh

Tha mi a' sgrýobhadh seo beagan làithean ron chuairt dheireannaich de EURO 2004, ach tha mi a' smaointinn gum faodar a ràdh gur e farpais shoirbheachail a tha air a bhith ann, an dà chuid a thaobh a' bhuill-coise agus cuideachd a thaobh na buaidh a tha i air a thoirt air dùthaich Phortugail fhèin. Seo a' chiad turas a tha mi air a bhith san dùthaich bhrèagha seo agus feumaidh mi a ràdh gu bheil i nas adhartaiche na bha mi an dùil.
Bha Portugal riamh beò fo sgàil a nàbaidh, an Spàinn, rud a tha fìor hun an latha an-diugh, ach tha comharran ann gu bheil i a' gluasad gu ruige co-ionannachd, chan ann a-mhàin aig deas far a bheil a' mhòr-chuid den luchd-turais a’ tadhal air àiteachan leithid an Algarve, ach cuideachd mu thuath ann am bailtean leithid Porto, Guimarães agus Braga. B’ anns na ceàrnan sin a chuir mise seachad a' chiad chola-deug den fharpais seo ag aithris air geamachan airson UEFA — a' bhuidheann a tha a’ riaghladh ball-coise san Roinn Eòrpa — agus tha buaidh na farpais ri fhaicinn anns gach aon dhe na bailtean sin.
Chan e a-mhàin gun deach pàircean ùra ball-coise a thogail airson EURO 2004 ach chaidh airgead mòr a chosg cuideachd ann a bhith a' leasachadh rathaidean, thrèanaichean agus ghoireasan luchd-turais. Gach taobh a thionndaidheas tu, tha obair fhathast a' dol air adhart agus cha do choinnich mi ri duine nach robh dhen bheachd nach e deagh rud a tha air a bhith san fharpais seo airson saoibhreas agus cor na dùthcha.
Nach bochd, mar sin, nach robh de spionnadh 's de lèirsinn aig an luchd-poileataigeach againne airson an fharpais seo a thàladh a dh'Alba an ceann ceithir bliadhna eile. Canaidh mi a-rithist e; tha mi a' smaointinn gun do chaill Alba cothrom air leth leasachadh a thoirt air bun-structair na dùthcha —eadar spòrs, goireasan còmhdhail, turasachd is eile — an uair a chuir Seac MacConaill an tagradh Albannach còmhla ri na h-Èireannaich agus ma tha an Alba ùr againn airson àite a chosnadh dhith fhèin air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta, feumar ionnsachadh bho na mearachdan sin agus a bhith nas dàine an uair a thig e gu bhith a' tàladh farpaisean mòra spòrs dhen t-seòrsa seo.

Air a' phàirc fhèin, thòisich am ball-coise air fàs na b’ fheàrr aon uair 's gun deach na Gearmailtich agus na h-Eadailtich dhachaigh. Gu mì-fhortanach bha agam ri dhà dhe na geamachan aca a leantainn agus gu dearbh cha robh aithreachas sam bith orm gun robh iad air a' chiad phlèan a-mach à Portugal. Tha cuid dhe na cluicheadairean as fheàrr san Roinn Eòrpa aig na h-Eadailtich, ach a dh'aindeoin sin, tha iad cho cùramach nan dòigh cluiche 's gur ann ainneamh a thèid aca air na duaisean mòra eadar-nàiseanta a bhuinnig. Tha iad cuideachd aineolach, mì-mhodhail nan giùlan agus airson sin fhèin, cha bhithinn airson soirbheachas a bhuileachadh orra.
Chan ionann iad fhèin ‘s na dùthchannan Lochlannach an uair a thig e gu bhith a' dèiligeadh ri luchd-naidheachd agus bha mi beagan tàmailteach gun deach an dà chuid an t-Suain agus an Danmhairg a-mach aig a' chairteal chuairt dheireannaich. Sin an ìre aig an do dh'fhàg Sasainn soraidh slàn aig an fharpais cuideachd an lùib gearanan gun do rinn an rèitire Urs Meier mearachd ann a bhith a' diùltadh tadhal do Shol Chaimbeul.Tha mi a' faicinn gu bheil pàipearan naidheachd leithid an Sun air culaidh-mhagaidh a dhèanamh dhiubh pèin ag iarraidh air daoine an cùl a chur ri rud sam bith a thig às an Eilbheis, an dùthaich dham buin Meier, eadar bàraichean Toblerone agus Gleogaichean Cuthaig, ach an uair a thig e gu h-aon 's gu dhà, bha Iain Terry, an cluicheadair dìon aig Sasainn, a' leigeil a chuideim air fear-gleidhidh Phortugail, Ricardo, agus mar sin cha b’ e tadhal ceart a bh' ann.
Bha mi a' dèanamh agallamh ri Meier an latha ron ghèam agus bha mòran dhen luchd-naidheachd a' faighneachd dha am b’ e seo an gèam bu mhotha a rinn e riamh. Dh'innis e an fhìrinn agus thuirt e nach b’e — gun robh iad sin ann an Cuach na Cruinne agus Lìog na h-Eòrpa — agus tha mi cinnteach gun deach sin na aghaidh cuideachd an uair a bha an luchd-deasachaidh a' dèanamh suas nan ceann naidheachd aca sna làithean às dèidh gèam Shasainn.
Tha a' chuairt dheireannach a-nise air fàire eadar Portugal agus a' Ghrèig. Leis an fhìrinn innse, cha robh dad a dhùil agam gum faigheadh aon seach aon aca cho fada san fharpais. Chunna mi a' chiad ghèam eatorra ann am Porto agus bha mi a' smaointinn aig an àm gum biodh Portugal fortanach faighinn a-mach às a' bhuidhinn aca agus ged a rinn a’ Ghrèig math sa chiad ghèam sin, a’ buinnig 2-1, shaoil mi nach robh iad siùbhlach gu leòr nan dòigh cluiche gus na cuairtean deireannach a ruighinn.
Bhiodh cuairt dheireannach eadar Portugal agus Poblachd na Seaca air a bhith na bu tarraingiche gun teagamh sam bith, ach bheir e cothrom do chluicheadairean Phortugail dìoghaltas fhaighinn airson a’ chiad gheama sin. Bha festa no pàrtaidh mòr aca an uair a rinn iad an gnothach air Sasainn agus air an Òlaind agus ma shoirbhicheas leotha sa chuairt dheireannaich, tha mi a' smaointinn gum faic sinn festa mar nach fhaca sinn roimhe. 'S fhada bho chunna mi sluagh far a bheil ball-coise cho cudthromach nam beatha, le daoine a' gabhail chun nan sràidean ann na carbadan, làraidhean agus fiu 's tractaran, a' seinn nan dùdach 's òrain fad na h-oidhche. Tha iad air an cadal a chumail bhuam fad grunn oidhcheannan thairis air a' mhìos mu dheireadh, ach tha mi an dòchas gur iad a ghleidheas Cuach Henri Delaunay — tha iad làn airidh air.

ball-coise An iognadh GrŔigeach.... B'e a Ghrèig a bhuannaich farpais Euro 2004, a toirt tuilleadh dearchaidh gur e tachartas air leth àraidh a bha seo. Cha robh mòran dùil aig tòiseach gnothaichean gur e sgioba aig nach robh seasamh glè làdair ann am bal-coise na h-Eòrpa a ghlèidheadh a' prìomh dhuais aig a cheann thall. Ach, b'e sin dìreach na thachair.

C˛raichean ę 2004 An GÓidheal ┘r.