Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Fri Apr 30, 2010 7:22 pm
by An Gobaire
Bha mi a' bruidhinn ri boireannach an-diugh a tha na Gàidheal ann am bùth ann an Caol Loch Aillse.

Bha sinn a' còmhradh mu dheidhinn cuideigin san teaghlach aice as aithne dhomh. Agus, nuair a fhuair mi a-mach gur ann a bha i càirdeach ris, thuirt mi "Saoghal beag, nach e!"

Agus, fhreagair am boireannach - "'S e! Tachraidh na daoine ach cha tachair na cnuic!", no rudeigin dhen t-seòrsa seo.

Bha mi eòlach air an ràdh , oir 's e sean-fhacal ainmeil a th' ann air a' Ghàidhealtachd co-dhiù. Ach, cha robh mi riamh eòlach air ciamar a chuirinn an cleachdadh e, nan cuirinn idir e!"

Co-dhiù, saoilidh mi gun tuig sibh seo agus an seagh sa bheilear ga chleachdadh bhon chòmhradh beag seo shuas.

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Sun May 02, 2010 9:32 pm
by Seonaidh
An Gob wrote:Bha sinn a' còmhradh mu dheidhinn cuideigin san teaghlach aice as aithne dhomh. Agus, nuair a fhuair mi a-mach gur ann a bha i càirdeach ris
Nach eil dùil gum bi cuideigin san teaghlach càirdeach? Daoine no cnuic, chan eil mi a' tuigsinn seo.

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Mon May 03, 2010 6:49 pm
by An Gobaire
Tha gu dearbha! Ach, tha mi a' toirt iomradh air ais dhan mhòmaid seo far an d' fhuair mi a-mach gu bheil e san teaghlach aice...'s e dòigh eile a th' ann airson sin a ràdh ach "càirdeach"!

Co-dhiù, nam biodh cothrom agam air a dheasachadh a-rithist, chuirinn "bhon chòmhradh bheag seo shuas" cuideachd!

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Tue May 04, 2010 8:01 pm
by Seonaidh
Tha mi 'n dòchas gum bi na daoine agad a' sreapadh nan cnoc aca gu ceart!

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Tue May 04, 2010 8:09 pm
by An Gobaire
Chan eil mi fhìn buileach cinnteach mu dheidhinn na h-abairt seo. Ach, 's e fìor eisimpleir a tha seo de mar a chaidh a chleachdadh ann an còmhradh ceart le tè aig a bheil Gàidhlig bhon ghlùin a chaidh thogail anns na Hearadh bho chionn còrr is 50 bliadhna.

Chan eil mi air atharrachadh sam bith a chur air ach a' mìneachadh an t-seagh san deach a chleachdadh..mar sin, ma tha trioblaid sam bith agad leis an sin..thalla agus ith do bhoneid!

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Thu May 06, 2010 8:34 am
by Seonaidh
Chan eil, gu dearbh! Ach chan eil bonaid agam co-dhiù!

Re: Ràdh na Seachdaine 13 - Daoine

Posted: Mon May 31, 2010 12:21 pm
by An Gobaire
Tachraidh na daoine ach cha tachair na cnuic.


Ueill fhuair mi lorg air sean-fhacal eile a tha co-ionnan no co-dhiù glè choltach ris an fhear seo shuas.

Tachraidh ri uair, nach tachair ri aimsir (Gàidhlig Arrain)

They (may) meet in an hour who will not meet in an age.