Ceist gràmair dhuibh!
Dar a chleachdar 'air' gus comharrachadh gun deach rudeigin a choileanadh, cha tèid an t-ainmear às a dhèidh dhan tuiseal thabhartach, thoradh chan eil e ag obair mar roimhear sìmplidh san t-suidheachadh sin, ME:
"Tha Seonaidh air an t-aran fhuineadh." seach "Tha Seonaidh air an aran fhuineadh."
"Bha an cù air an uinneag a chàradh." seach "Bha an cù air an uinneig a chàradh."
Cleachdar cuideachd 'às dèidh'/'an dèidh' gus sealltainn gun deach gnìomh a choileanadh bho chionn ghoirid ach san t-suidheachadh 'sònraichte' seo, am bu chòir dhan ainmear a thig às a dhèidh a bhith san tuiseal bhunasach no ginideach? ME:
"Bha an duine às dèidh an ceapaire ithe" air no "Bha an duine às dèidh a' cheapaire ithe"?
"Tha iad às dèidh an naidheachd a chraobh-sgaoileadh" no "Tha iad às dèidh na naidheachd a chraobh sgaoileadh"?
Tha mi thall thairis an-dràsta 's a' dol às mo chiall a' feuchainn ris an fhreagairt cheart a lorg le bhith sainnsearachd diofar abairtean rium fhèin. Tha feagal orm gum bi daoine a' smaoineachdainn gu bheil mi air mo bhuadhan a chall agus a-rèiste, mòran taing airson ur cuideachaidh!
Às dèidh 'às dèidh'
-
- Posts: 9
- Joined: Sat Jan 06, 2018 10:55 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Loch Aillse
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Às dèidh 'às dèidh'
Tha "an ceapaire" na chùisear (subject) aig "ithe", mar sin 's e an tuiseal bunasach a chleachdas tu mar an ceudna.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 9
- Joined: Sat Jan 06, 2018 10:55 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Loch Aillse
Às dèidh 'às dèidh'
Glè mhath, tapadh leat!