Ràdh na seachdaine 3

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh na seachdaine 3

Unread postby An Gobaire » Sun Jan 31, 2010 6:07 pm

[size=24]A' dol ann am muinchill cuideigin.[/size]


Tha mi a' smaointinn nach eil an ràdh seo doirbh a thuigsinn mas e is gu bheil sibh eòlach air an fhacal "muinchill".

'S iad "muinchillean" na dhà rud pìobanach air geansaidh no còta anns an tèid do ghàirdeanan.

Mar sin, ma tha thu "a' dol ann am muinchill cuideigin", ann an seagh da-rìreadh, tha thu a' cur do ghàirdeanan anns na muinchillean a th' aig cudeigin eile.

Dè tha sin a' ciallachadh ma-tà?

Dh'fhaoidte gu bheil thu a' leantainn ann an ceum-coise neach eile. Tha thu a' dèanamh na bha iadsan a' dèanamh, mar is dual dhuit.

Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm. - 's e sin gun do ghabh e anns an arm, dìreach mar a rinn athair roimhe.

A bheil duine sam bith san teaghlach agad fhèin, a chaidh ann am muinchill cuideigin eile san teaghlach agaibh?



Ràdh coltach Beurla a thaobh ciall

He followed in his father's shoes /footsteps by joining the army.

Ràdh coltach Frangais a thaobh ciall

Il marche sur les pas de son père./Il suit les traces de son père
Dèan buil cheart de na fhuair thu!

Muiris
Posts: 9
Joined: Fri Jan 29, 2010 6:07 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Loch Laomainn

Re: Ràdh na seachdaine 3

Unread postby Muiris » Wed Feb 03, 2010 9:29 pm

Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm.


Carson a tha e ann am muinchillean an àite anns na muinchillean no anns a' mhuinchill?

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1648
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread postby akerbeltz » Wed Feb 03, 2010 10:03 pm

ann am muinchillean athair

= ann am muinchillean (a) athair
the sleeves of his father i.e. it's a string of nouns. Compare:
ann an seòmar
anns an t-seòmar

ann an seòmar caileig
ann an seòmar na caileig

ann an seòmar mo chaileig


Remember that rule that you're only allowed one defininte article in a string of nouns? Well, it's better put as "you're only allowed one definite marker in a string of nouns" and the possessives also mark something as definite. The stumbling block here was probably that you missed the ellided a before athair and that athair should really have been marked for genitive i.e. athar.

If you stuck in mo it's clearer:
ann am muinchillean m' athar

An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread postby An Gobaire » Wed Feb 03, 2010 10:05 pm

Carson a tha e ann am muinchillean an àite anns na muinchillean no anns a' mhuinchill?


A thaobh 's gu bheil "athair" a' tighinn as a dhèidh. Dh'fheumadh tu "anns na muinchillean aig athair" ach chan fhaca mi riamh an abairt air a cur an cèill mar sin.

Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.

'S e "ann am muinchill athair" a thog mi sa chiad dol a-mach. Saoil nach robh ach aon mhuinchill aig Gàidheil Chanada sna seann làithean? :? No an e riochd iolra ann an cainnt cuid de Ghàidheil Chanada a th' ann?

Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? :o
Dèan buil cheart de na fhuair thu!

User avatar
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread postby Thrissel » Thu Feb 04, 2010 2:59 am

An Gobaire wrote:Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? :o


Chanainn gun do mhothaich, ach tha mise toilichte gun do dh'fhreagairt e sa Bheurla, oir chan eil mi cinnteach idir am bithinn ga tuigsinn sa Ghàidhlig, le "concepts" mar "definite marker" no "ellided a"... :priob:

Muiris
Posts: 9
Joined: Fri Jan 29, 2010 6:07 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Loch Laomainn

Unread postby Muiris » Thu Feb 04, 2010 3:16 am

:beachd:

Ceart, ceart, ceart...bheir an t-ainmear an t-artaigil neo-chinnteach le ainmear a tha anns an tuiseal ghinideach fiù 's nuair a tha a' chiad ainmear anns an tuiseal tabhartach. Duilich. Cuiridh mi coire air a' Bheurla. Tapadh leibh.

Muiris
Posts: 9
Joined: Fri Jan 29, 2010 6:07 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Loch Laomainn

Unread postby Muiris » Thu Feb 04, 2010 3:39 am

An Gobaire wrote:Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.

Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? :o


Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?

"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4308
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread postby GunChleoc » Thu Feb 04, 2010 8:44 am

Muiris wrote:Duilich.

Na bi duilich agus dh'ionnsaich sinn bhon cheist agad :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread postby An Gobaire » Thu Feb 04, 2010 10:59 pm

Muiris wrote:
An Gobaire wrote:Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.

Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? :o


Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?

"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?


Cha robh mi cinnteach an e ainm fear no tè a bh' ann am Muiris! Gabh mo leisgeul! Tha fios agam a-nis!

Co-dhiù, 's e "ann am muinchill (singilte)" a tha anns an ràdh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!


Return to “Ràdh na Seachdaine”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest