Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 5

Posted: Tue Feb 16, 2010 10:56 pm
by An Gobaire
Chan e sin dheth an-diugh e.

Dè is ciall dha seo ma-tà?

'S e seo abairt bheag sgiobalta gus cantainn nach eil rudeigin a' tighinn air cuspair no cùis air choireigin.

Chan e sin dheth an-diugh e - Chan eil sin buntainneach don chùis. - Chan eil sin a' tighinn air a' chuspair seo.

No ann am faclan formeil - Chan eil sin nar taic *Dwelly.

Ràdh Beurla coltach ris - That's neither here nor there.

Posted: Wed Feb 17, 2010 12:38 am
by faoileag
Tha mi a' tuigsinn do mhineachadh, ach chan eil mi cinnteach a bheil mi a' tuigsinn an abairt fhèin.

Dè an gràmar an sin? :mc:

Posted: Thu Feb 18, 2010 12:39 am
by An Gobaire
Gheibhear structaran co-ionnan an seo:
"chan e Dia nan gleann e"
bho làrach-lìn eaglais shaor a' Bhac.

Seo bho litir do luchd-ionnsachaidh:
Aig deireadh na bliadhn' an-uiridh (Litir 80), dh'innis mi dhuibh mu dheidhinn Dail an Eich, ainm-àite an seo ann an Inbhir Nis. Chan e sin a-mhàin e do a leithid, ge-ta. Tha dà àite eile anns a' bhaile a tha ainmichte airson eich, ged nach eil am facal each a' nochdadh annta.

Posted: Thu Feb 18, 2010 1:21 am
by faoileag
Ceart gu leòr, tha mi a' tuigsinn an dà eisimpler seo ('S e X e, chan e Y iad, etc), ach chan eil mi cinnteach dè a tha 'dheth' a' ciallachadh anns an abairt. = de? 'sin de an-diugh'??? Rud a tha freagarrach d' an-diugh?

Posted: Thu Feb 18, 2010 9:06 pm
by An Gobaire
Ò seadh. Sin agad e.

THa 'dheth' a' ciallachadh 'de'.

Chan e sin de an-diugh e.

Chan e sin dheth an-diugh e.

Chanainn nach eil 'de' a' ruith air an teanga cho rèidh 's a tha 'dheth' san abairt seo.

Posted: Fri Feb 19, 2010 12:51 pm
by faoileag
Taing dhut - sin a bha mi mi a' smaoineachadh. :D