Page 1 of 1

Ràdh 22 - Cha chluinn thu a' chuthaig

Posted: Fri Aug 13, 2010 12:32 am
by An Gobaire
Mura cluinn thu sin, cha chluinn thu a' chuthaig.

Tha ràith na cuthaige seachad bho chionn dà mhìos a-nis, ach nuair a bha i ann, bha fios againn gun robh! THa goirsinn na cuthaig soilleir, àrd!

Mar sin, tha an ràdh seo a' cur an cèill gu bheil an labhraiche agus iongnadh air nach eil cuideigin a' cluinntinn na tha esan no ise a' cluinntinn! Mar sin, dòigh eile airson a ràdh, feumaidh gu bheil thu bodhar!