"Bha aig na buidhnean Gàidhlig uile ri taisbeanadh a dhèanamh mu choinneamh pannal a' Bhùird san Ògmhios an-uiridh, a' mìneachadh ciamar a cho-obraicheadh iad leis an ro-innleachd as ùire, ris an canar Ginealach Ùr na Gàidhlig. Cha deach le taisbeanadh CNSA/TAIC - neo Comhairle nan Sgoiltean Àraich, mar a theirte riutha uaireigin - 's a-nise feumaidh iad sgur a dh'obair air sàillibh dìth ionmhais.
Tha connspaid air ceann a thogail bho fhuaradh a-mach gun d'rinn Art MacCarmaig, cathraiche Bòrd na Gàidhlig, an tagradh dhan Bhòrd ás leth Fèisean nan Gaidheal, a' bhuidheann aige fhèin. Dh'aontaich am Bòrd taic a chumail ri obair nam Fèisean."
Tuilleadh air làrach an Albannach le Niall Macrath:
http://news.scotsman.com/gaelic/Ceistea ... 6744466.jp