'S e amharc-lann phlanaidean saor is open source airson a' choimpiutair agad a th' ann an Stellarium. Seallaidh e na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad.
'S urrainn dhut Stellarium a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis. Seo cuid dhe na gleusan a bheir Stellarium dhut:
- Corr is 210 millean reul
- Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson 20+ dualchas eadar-dhealaichte
- Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
- Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
- Na planaidean is na saidealan aca
- Rionnagan-earbaill
- Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
- Mòr-nòbhathan
- Gabhaidh gnàthachadh
Briathrachas reul-eòlais
Gus Stellarium eadar-theangachadh, rinn mi rannsachadh air briathrachas reul-eòlais, a' cleachdadh nan tùsan a tha air Duilleag "Na speuran" an t-Sàbhail Mhòir. Chuir mi toraidhean an rannsachaidh agam air loidhne mar fhaidhle csv (còdachadh: Siarach, Windows). Gabhaidh am faidhle fhosgladh le LibreOffice Calc no Microsoft Excel, mar eisimpleir.