Sràid Ínglís?

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Sràid Ínglís?

Unread post by Thrissel »

Tha e ag ràdh an-seo gum faodar Sràid Ínglís a chleachdadh sa Ghàidhlig son Shràide Shasannaich.

http://www.flickr.com/photos/42594346@N03/4562868271

A bheil sin ceart, an e facal àrsaidh a th' ann, no an robh cuideigin a' measgachadh Gàidhlig is Gaeilge?

No bhiodh sin dearbhadh gun tàining ainm na sràide sin bho shloidhnneadh, mar a tha an caption a' cur an aire? An aithne do dhuine sam bith?
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by Níall Beag »

There's no acute there, that font just has a stroke instead of a dot on the i.

Am biodh tusa airson "Welsh Monument" no "Càrnan Cuimreach" a chuir air a "Wallace Monument" ann an Sruighlea? No 's docha "Càrnan Gall"? "Wallace", "Walsh", "Welsh"... tha iad uile nan aon rud, 's "Wall"="Gall", "Wales"="Tìr nan Gall".

'S e ainm duine a th' ann an Inglis, mar a thuirt an làrach, 's ged bioch sinn eadar-theangachadh ainmean mar "Mac Ualraig", chan eil ainm "Sasunnach" sa Gàidhlig.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by akerbeltz »

Tha e nas toinnte na seo. Tha diofar fuasglaidhean ann air a' cheist seo:
1) Bha iad leisg no chuir iad romhpa gun a bhith a' cur Gàidhlig air ainmean sònraichte. Chithear seo ann am Baile Àtha Cliath cuideachd far am faigh thu rudan mar Sráid Harcourt, Sráid Grafton etc.
2) Faodaidh gun robh iad a' coimhead air mar shloinneadh mar a thuirt Seonaidh agus an uair sin a' cleachdadh 1)
3) Faodaidh nach robh fhios aca dé chiall a th' air Inglis (sloinneadh no seann ainm air a' Bheurla Ghallda)

Chan eil na soidhnichean sinn ann an Inbhir Nis ro mhath, chaidh an cur suas bliadhnaichean air ais agus ann an cruth-clò craicte - cha chuirinn cus earbsa annta. Dh'fheumamaid faighinn a-mach an toiseach dé chiall a bha fa-near dhaibh an toiseach mus urrainn dhuinn tighinn gu co-dhùnadh an e Sràid Inglis/an t-Sasanaich/na Beurla Ghallda bu chòir a bhith ann.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by Thrissel »

Mòran taing dhuibh le chèile, tha mi buileach riaraichte leis na mìneachaidhean sin! 8-)
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by Seonaidh »

Chan eil fios agam air "Sràid na Beurla Gallda". Ach tha fios agam air 2 shràid ann an Cathair Luail. Bho mheadhan a' bhaile, gu deas tha English Street is gu tuath tha Scotch Street. Bhiodh an fheadhainn nan "Sràid Shasannach" is "Sràid Albannach" sa Ghàidhlig gun teagamh.
Stìophan
Posts: 126
Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Inbhir Pheofharain

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by Stìophan »

Tha Sràid Inglis ann an Inbhir Nis air ainmeachadh an-deidh cuideigin leis an t-sloinneadh 'Inglis' chan e a' Bheurla.

Cuideachd, chan e sgrìobhadh cèilteach a th'air na sanasan dà-chànanach ann an Inbhir Nis idir, 's e 'American Unicial' an t-ainm a th'air an seòrsa sgrìobhadh sin. Tha a' mhòr-chuid a' smaoineachadh gur e sgrìobhadh Gàidhlig/Cèilteach a th'ann.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Sràid Ínglís?

Unread post by Thrissel »

Tha thu ceart, by Jove! Lorg mi e air duilleag 178 (àireamh 377) an-seo. Cha robh mi eòlach air sin. Agus tha e coltach nach ann ro sheann a tha an cruth-clò a bharrachd...
Post Reply