Bha APC airson a bhith an 'High Heid Yin' BnG

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Bha APC airson a bhith an 'High Heid Yin' BnG

Unread post by Gràisg »

Chuir APC a-steach airson Ceannard Bòrd na Gàidhlig ach tha e a' gearain nach do fhuair e fiù 's agallamh. Sgrìobh e sa phàipear bheag (09/07/10):

Chuir mi fhìn a-steach airson na h-obrach, ged nach d'fhuair mi gu ìre agallaimh. Cha robh na sgilean agam, neo mar a chuir am Bòrd fhèin e ann am post-dealain thugam:
"Tha ma Pannal a-nis air beachdachadh air na tagraidhean air fad agus as dèidh measadh air an fhiosrachadh san iarrtas agad an aghaidh na slatan tomhais deatamach agus miannaichte a bha air an comharrachadh airson na dreuchd, tha mi duilich innse nach do shoirbhich leat airson a dhol adhart gu agallam..."

Thuirt e cuideachd: 'Rinn mi tagradh airson na h-obrach a dh'aindeoin gach teagamh bunaiteachd a th'agam mun chuango seo: bha mi an dòchas an cothrom fhaighinn atharrachadh on toabh a-staigh....'

Uill nach eil aig Ceannard chuango sam bith airson miann an riaghaltas a chuir air dòigh agus a thaobh BnG 's e am miann ud Plana 'Ginealach Ùr na Gàidhlig' (ceart no ceàrr a tha e)? Cha bhiodh cothrom air a bhith aig APC plana no gnìomh sam bith eile a chuir na àite. Mar sin ma tha APC airson cùisean atharrachadh b'fheàirrde leis a bhith feuchainn faighinn a-steach Taigh an Roid?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Bha APC airson a bhith an 'High Heid Yin' BnG

Unread post by GunChleoc »

Is dòcha gu bheil thu ceart agus seo an àite a bhiodh nas soirbealaiche dha. Chan eil e eagallach is bheir e a bheachdan seachad anns a h-uile doigh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Bha APC airson a bhith an 'High Heid Yin' BnG

Unread post by Seonaidh »

GC wrote:...bheir e a bheachdan seachad anns a h-uile doigh
Uill, sin e, nach e? An e deagh bheachd a bhiodh faighinn neach fèin-rag-bharalach mar chathraiche BnaG?
Post Reply