Riaghaltas a' sireadh buill ùra airson Bòrd na Gàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Riaghaltas a' sireadh buill ùra airson Bòrd na Gàidhlig

Unread post by ArtMacCarmaig »

A bheil ùidh aig duin' agaibh a bhith air Bòrd na Gàidhlig?

Tha an riaghaltas a' sireadh buill ùra an-dràsta agus tha fhios agam gu bheil beachdan làidir aig cuid air an fhòram seo a dh'fhaodadh a bhith feumail don Bhòrd.

'S e Dihaoine 13mh Lùnastal an ceann-latha airson tagraidhean agus gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo:
http://www.appointed-for-scotland.org/C ... -Gaidhlig/

Ma tha duin' agaibh airson bruidhinn rium gu neo-fhoirmeil faodaidh sibh fònadh thugam air an àireamh san litir a tha anns a' phasgan air-loidhne.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Riaghaltas a' sireadh buill ùra airson Bòrd na Gàidhlig

Unread post by Seonaidh »

Art chòir - mar a bhios fios agad, 's e luchd-ionnsachaidh a th' anns a' mhòrcuid den daoine an seo, agus seo ceist a dh'fhaodadh a bhith de ùidh choitcheann: dè tha beachd BnaG air daoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig fhathast mar bhuill?
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Re: Riaghaltas a' sireadh buill ùra airson Bòrd na Gàidhlig

Unread post by ArtMacCarmaig »

A Sheonaidh chòir: Tha mise fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd agus chuireadh am Bòrd fàilte air daoine a tha ga h-ionnsachadh le na sgilean freagarrach gun teagamh sam bith.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Riaghaltas a' sireadh buill ùra airson Bòrd na Gàidhlig

Unread post by Gràisg »

Nam bheachd fhèin bhiodh e math nan robh cuideigin an làthair na riochdaire den choimhearsnachd air loidhne ach leis an fhìrinn innse chan eil sinn air an aon ràimh direach mar a tha cuisean taobh a muigh a h-uile cail an seo. Ach rud a tha cudromach ‘s e sin gu bheil conaltraidh eadar-nùiseanta a’ dol tro mheadhan na Gaidhlig ann an sheo agus aiteachean eile air loidhne agus am bu choir don bhòrd agus an riaghaltas a bhith mothachail air sin? Tha sin gam thoirt air ais do 'mobheurla.com' cha robh co-chomhairle sam bith leis an fheadhainn air loidhne mus do thoisich sibh leis a sin.

Co-dhiù leann mi an ceangal ud agus saoilidh mi gu bheil slatan-tomhais gu math teann agaibh. Seo pìos bhon duilleig:


‘The Bòrd is particularly looking for people who have expertise in one or more of the following three areas: a finance and audit background; a Gaelic education background and / or experience of minority language development.’
Post Reply