Thuirt cuideigin rium gu bheil Comann Ghàidhlig ann am Peairt, ach chan eil cail fhios a'm cuin/far a bhios na coinneamhean a' tachairt.
Cuideachd, tha mi fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig agus bu toigh leam mo chuid Ghàidhlig leasachadh, ach chan eil tòrr chothromannan agamsa a' chànan a chleachdadh, ged a tha a' Ghàidhlig aig tè dhe mo charaidean 's mo chlic, cha bhi sinn ga cleachdadh gu tric.
Bheil rud sam bith eile ann am Peairt 'son luchd-ionnsachaidh?
Ma tha guth aig cuideigin, leig fios thugam.
Mòran taing
Lewis
Comann Ghàidhlig Pheairt, cuin? càite?
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Comann Ghàidhlig Pheairt, cuin? càite?
Chan eil fios agam mu dheidhinn Peairt. Tha bun-sgoil Ghàidhlig an sin, agus tha sruth Gàidhlig aig a' Pherth Academy. Ach tha buidheann Ghàidhlig an seo ann am Fìobha - tha an co-òrdanaiche a' fuireach ann am Fàclann, nach eil ro fhada bho Pheairt (M90/A912, no trèana gu Ladybank). Bidh còmraidhean ann uaireannan - chan eil cuimhne agam air an ath fhear an-dràsta.
Re: Comann Ghàidhlig Pheairt, cuin? càite?
Mòran taing a Sheonaidh, 's dòcha gun tèid mi a dh'Fhàclann, ach b'fheàrr leam rudan a tha nas fhaisge orm a dhèanamh, air sgàth nach eil càr agam.
Agus a thaobh Bun-sgoil Goodlyburn 's Perth Academy, tha mi a' smaoineachadh nach biodh rud sam bith ann a tha freagarach do luchd-ionnsachaidh inbhich.
Agus a thaobh Bun-sgoil Goodlyburn 's Perth Academy, tha mi a' smaoineachadh nach biodh rud sam bith ann a tha freagarach do luchd-ionnsachaidh inbhich.
Re: Comann Ghàidhlig Pheairt, cuin? càite?
'S dòcha gum bi thu a faighinn rudeigin a-mach tro 'CLÌ':
http://www.cli.org.uk/coursespe.asp
Agus tha siostam 'Meet Up' ann cuideachd, as urrainn dhut toiseachadh thu fhèin ann am Peairt.
Barrachd fiosrachaidh, saoildh mi, bho Gaelic Meet Up Glaschu:
http://meetup.gaelicglasgow.org.uk/