Lorg mi fiosrachadh air an eadar-lìon a tha sealltainn nach eil tòrr chlann a tha a' dol a-staigh gu GME ann an àrd-sgoil a' cumail a' dol leis. Tha liosta air laraich-lìn a' Phàrlamaid bhon t-Ògmios 2009 a' sealltainn nach eil an t-uabhas de chlann ann an GME anns na h-àrd-sgoiltean a' dèanamh deuchainnean.
http://www.scottish.parliament.uk/busin ... wa0629.htm : Leth phàirt sìos an duilleag
A-mach às na 43 àrd-sgoiltean far am b' urrainn dha clann GME a bhith a' dol, chan robh ach 28 sgoiltean ann far an robh clann a' dèanamh deuchainnean aig ìre SCQF Ìre 3, no nas àirde. Chan eil ach 18 ann far an robh sgoilearan a' dèanamh deuchainn thairis air na 5 ìrean...
'S e na sgoiltean far nach robh clann a' dèanamh deuchainnean idir:
Aberdeen Grammar
Forfar Academy
Dunoon Academy
Back
Daliburgh
Lionel Secondary
Paible
Shawbost
Farr High
Fortrose Academy
Inverness Royal Academy
Greenock Academy
Breadalbane Academy
Perth Academy
St Modan's Academy
An rud a tha a' cur iongnadh 's e 's gu bheil a' mhòr chuid de sgoiltean sna h-Eileanan an Iar gann de sgoilearan. Cuideachd, cha robh clann sam bith ann an Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' dèanamh cùrsaichean aig Ìre 6 no 7. Tha seo a' tachairt anns na sgoiltean "Gàidhealaich" cuideachd, mar eisimpleir Àrd-sgoil an Obain agus Àrd-sgoil Thiriodh.
Carson nach eil clann a' leantainn leis a' Ghàidhlig? Dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh?
An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
-
- Posts: 507
- Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
- Language Level: Gu math siubhalachd
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Alba
- Contact:
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: An t-suidheachadh bronach sna h-àrd-sgoiltean
Neoni. Uaireannan bidh mi a' smaoineachadh nan dèante fada nas doirbhe foghlam Gàidhlig fhaighinn gum biodh ùidh fhada nas motha innte. Càit' a bheil cànan Gàidhlig a' fàs an-dràsta? An Èirinn a Tuath, tha mi a' creidsinn. Ach cha bu toigh leam suidheachadh coltach ath-chruthachadh an seo. Mar a thuirt Lenin, dè nithear?Dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh?
Eaconamaidh: nam biodh tuarastal mòr aig an fheadhainn a chleachdadh Gàidhlig aig an obair, bhiodh brosnachadh airson Gàidhlig a dhèanamh aig ìre àrd sna sgoiltean. 'S ann a tha dìth de eòlaichean Gàidhlig: chan eil tidsearan gu leòr, chan eil luchd eadar-theangachaidh gu leòr. 'S e seo rudeigin ri innse dhan luchd career-advisers sna sgoiltean nach e.
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
'S ann mu dheidhinn na h-oilthighean a tha seo, nam bheachdsa.*Alasdair* wrote:Cuideachd, cha robh clann sam bith ann an Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' dèanamh cùrsaichean aig Ìre 6 no 7. Tha seo a' tachairt anns na sgoiltean "Gàidhealaich" cuideachd, mar eisimpleir Àrd-sgoil an Obain agus Àrd-sgoil Thiriodh.
Bidh feum agad air Beurla 's matamataig airson iarrtas a dheanamh do oilthigh sam bith san RA. Bidh feum agad air Highers co-cheangailte ris a' chuspair a bidheas tu a' deanamh aig oilthigh. Mur eil thu air son dol do SMO, no Eòlas Ceilteach a dheanamh, chan eil àite ann air son na Gàidhlig.
Dé b'urrainn dhuinn dheanamh?
If there was a law (or an agreement between all Scottish universities) stating that Gaelic Higher + English Standard Grade must be considered equal to English Higher, it would give school pupils a straight choice between Gaelic and English. I would personally want to extend the same courtesy to Irish or Welsh A-level + English GCSE. (There may need to be an exemption to this for English Language degrees....)
The reasoning is simple: the GCSE proves competence in English and the Higher/A-level is not so much about a particular language as it is about the use of language to particular effect, and I believe the syllabus for Gaelic is a close analogue to the syllabus for English.
I might moot this to a couple of people next time I see them.
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
Rud eile air a bu choir dhuinn smaointinn -- chan eil e soilleir idir dé cho fad sa tha Gàidhlig anns na sgoiltean sinn. Ma robh ach le bliadhna no dhà, cinnteach nach bi duine-sam-bith deiseil air son nan deuchainnin.
M.E.
Rinn mi beagan rannsachaidh air St Modan's (mo alma mater-fhìn) agus chan eil facal mu dheidhinn na Gàidhlig anns a' Prospectus 2007.
Mar sin, feumaidh gu bheil iad air Gàidhlig a chuir air an t-syllabus nas lugha na trì bliadhna.
Agus tha amharas oirm gu bheil seo pios beag mairgedeachd có-dhiubh. Fiù 's gun robh mis' ann bha an "school roll" a' tuiteam gu math luath. Tha iad air imreach gu taobh eile a' bhaile (bha a' chomhairle ag iarraidh an seann sgoil a reic, tha am fear ùr na PPP) agus chan eil iad cho fad air falbh bhon ionad FtMG ann an Riverside. Bha an t-ionad na "feeder school" air son Wallace High, ach chan eil ach Gàidhlig mar cuspair ann a' shin. Thòisich ceannard na sgoile ron a dh'fhàg mi, agus tha e gu math "managerial", 's mar sin, cha chreid mi nach bi e a' smaointinn air àireamhan ro a h-uile sian eile....
A barrachd air sin, nach b' ann an 2008 a thòisich sgire Obair-Dheathainn Gàidhlid a theagaisg?

- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
Tha an suidheachadh car neònach ann an SGG, ged a tha àrd-sgoil ann, chan eil, saoilidh mi, a' chlann air an ìre 6/7 a ruigsinn, 's e ÀS5 an ìre as àirde a ràinig iad gu ruige seo, saoilidh mi. Cha robh clann gu leòr ann gus ÀS o thoiseach gu deireadh a chumail on chiad bhliadhna a dh'fhosgail an sgoil.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
Uell, chan eil an t-suidheachadh cho dona idir, agus seo naidheachd fior mhath: tha Gàidhlig mar darna cànan a' fàs ann an sgoiltean na Ghaidhealtachd. Tha e fiù 's nas cumanta na Gearmailtis air son na chiad turas.
-
- Posts: 507
- Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
- Language Level: Gu math siubhalachd
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Alba
- Contact:
Re: An t-suidheachadh bronach sna àrd-sgoiltean
'S fheàrr le clann na Gàidhealtachd a' Ghàidhlig na Gearmailtis sna sgoiltean: http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-h ... s-11261424
Highlands children studying languages are taking Gaelic as a second language to French instead of the traditional option German, according to a report.
Highland Council officers said Gaelic was favoured by pupils in secondary schools where it was offered.