Mulan

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Mulan

Unread post by An Gobaire »

Halò,

Tha facal ann nach eil cho cumanta - "mulan" - air a mhìneachadh mar "a small stack, no haystack" ann an Dwelly agus air faclair.com

Ach, fhuair mi fiosrachadh bho Ghàidheal à Camas Cros, Slèite a dh'innis dhomh nach robh esan ga chleachdadh ach airson ultach feòir a bhiodh e no a sheanair a' toirt à cruach no coc gus toirt do na beathaichean mar bhiadh.

Cuideachd, b' e am fuaimneachadh a bh' aige air ach "muileann" mar gun robh an "l" caol, seach "mulan". Tha e inntinneach cuideachd gu bheil muinntir Chamus Cros a' fuaimneachadh "muileann (mill)" mar "mulan" agus "mulan (bundle of hay feed)" mar "mhuileann"!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Mulan

Unread post by faoileag »

Intinneach gu leòr. Tha mise glè mheasail air 'neònachasan' mar sin cuideachd. :D
Feumaidh tu cleachdadh eile a lorg a-nis ann an àiteachean eile, mar choimeas.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Mulan

Unread post by akerbeltz »

Gabhaidh mi air d' fhacal gun duirt e sin 's chuir mi ris an Fhaclair Bheag e :)
Post Reply