'do' no 'airson'?
'do' no 'airson'?
Chunna' mi "Ceartas airson na Gàidhlig" air a' phrofile Facebook aig Am Buidheann Dubh. Nach bu chòir dha bhith "Ceartas don a' Ghàidhlig"? No a bheil "Ceartas airson na Gàidhlig" ceart?
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: 'do' no 'airson'?
Gheibhear "dhan Ghàidhlig" cuideachd... a thaobh gràmar, nach e "don/dhan Ghàidhlig" as fheàrr? Ach a rèir na sgìre dom buin an neach-labhairt/sgrìobhaidh, dh'fhaodadh iad an dà chuid a chleachdadh, gu h-àraidh sna làithean-sa.
Bha Dwelly a' gearan san fhaclair aige mu dhaoine a bhith a' cleachdadh "airson" cus an àite "do", ach 's ann bho chionn fhada a bha sin, agus tha "airson" gu math stèidhichte a-nis, gu h-àraidh ann an dualchainnt Leòdhais...

Dèan buil cheart de na fhuair thu!