Pianist - Concert pianist

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Pianist - Concert pianist

Unread post by Gràisg »

A chàirdean, Dè a' Ghàidhlig a th'air "Concert Pianist", cha robh mise airson rudeigin gu tur neònach a chruthachadh. Tha mi an dòchas gum bi smaoin aig feadhainn nas glice na mise ('s e sin ri ràdh a' mhòr chuid agaibh) :)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Chan eil mi eòlach air facal sònraichte airson "pianist".

Ach, 's e ceòl-chuirm a' Ghàidhlig air "concert" san t-seagh seo.

Mar sin, 's dòcha gun dèanadh rudeigin mar Neach-piàna Ceòl-chuirm a' chùis.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by akerbeltz »

... ciùil-chuirm, nach ann? Co-dhiù, on a tha e car neònach, 's mathaid gun tuigear neach-piàna (no cluicheachdair piàna) consairt na b' fhasa.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Far a bheil abairt ainmearach ann, agus an dà ainmear anns an tuiseal ghinideach (leis gu bheil iad a' leasachadh ainmear eile), tha an tuiseal ginideach air a chomharrachadh anns a' chiad ainmear (an là an-diugh) dìreach far a bheil an t-alt ann. *Ruairidh Macilleathain
Mar sin, san latha an-diugh, 's e sin mar a thathar ga dhèanamh, ged a bhios cuid a' cumail ris an t-seann dòigh. Tha a' mhòr-chuid a' leantainn seo.

Neach-piàna ceòl-chuirm.

obair fear-ciùil - a musician's work obair an fhir-chiùil - the musician's work

Co-dhiù, chan eil mi a' dol leat gu bheil an t-eadar-theangachadh seo neònach, ach dh'fhaodadh e bhith na bu ghiorra. Cuideachd, chan eil "concert" san t-seagh seo a' ciallachadh "consairt". 'S e an ceòl fhèin air a bheil e a-mach, seach an tachartas.
's mathaid gun tuigear neach-piàna (no cluicheachdair piàna) consairt na b' fhasa.
Mura bheil daoine a' tuigsinn ceòl-chuirm...tha e cho math dhaibh a' Ghàidhlig a leigeil seachad.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by akerbeltz »

chan eil seo ceart, ma tha tàthan eadar dà ainmear, tha sin a' comharradh gur e close compound a th' ann agus leis a sin, tha an dàrna ainmean air cùlaibh an tàthain 'ga làimhseachadh mar buadhair.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Tha tàthan a' comharrachadh gur e ainmear fillte a th' ann gu dearbh. Ach, thathar gu tric a' leigeil seachad an t-seann riaghailt mur nach eil an t-alt ann.

mullach bothan-àirigh ach mullach a' bhothain-àirigh a shieling roof / the shieling's roof

Ma bhios daoine a' leantainn an t-seann dòigh, chuireadh iad: mullach bothain-àirigh gun teagamh. Ach, tha an dà riochd gràmair ann an cleachdadh, agus a' chiad riochd a' faighinn làmh-an-uachdar.

Le ceòl-chuirm ge-tà, feumaidh mi aideachadh nach eil fhios agam carson 's e "chuirm" a th' ann le sèimheachadh san tuiseal ainmearach. Ach, 's e sin mar a tha e ann an Dwelly. "Ceòl-chuirm".

Tha Ruairidh cuideachd ag ràdh: "Ann an ainmear fillte le dà ainmear, is an dàrna fear singilte, bidh an dàrna fear air a shèimheachadh ach tha sin fìor dìreach nuair a bhios ceangal làidir ann eadar an dà fhacal.

glainne-fhìona (boir) a wine glass glainne fìona a glass of wine
cuinneag-bhainne (Boir) a milk pail cuinneag bainne a pail of milk

NB. 'S fhiach toirt fa-near ge-tà, gun tuirt Ruairidh gu bheil mòran a' cumail ris an t-seann nòs, ged a tha an nòs ùr air fàs gu math cumanta. 'S fheàrr leam fhìn a bhith a' cumail ris an t-seann nòs, agus a' caolachadh (no a' sèimheachadh 's a' caolachadh) ainmearan san tuiseal ghinideach, fiù 's ged nach eil alt ann, ach ann am bruidhinn, saoil cia mheud duine a tha a' cumail ris an nòs thraidiseanta sin?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by akerbeltz »

ceòl-chuirm
Tha sèimheachadh ann a chionn 's nach e seo an t-òrdugh àbhaisteach, 's e "cuirm-ciùil" an t-òrdugh àbhaisteach (base+modifier). Ann an ceòl-chuirm, tha ceòl- cha mhòr mar buadhair leithid droch/deagh/seann etc agus gheibhear sèimheachadh san t-suidheachadh seo.
Ach, thathar gu tric a' leigeil seachad an t-seann riaghailt mur nach eil an t-alt ann
Tha mi eòlach air call an tuiseil ghinidich an dèidh buadhair ainmearach ach tha e 'na naidheachd dhomh gu bheil e a dhìth ann an sreath ainmearan...

Feumaidh sinn còrpas. 'S mathaid gu bheil Ruairidh ceart ach b' fhearr leam dàta nas cruaidhe na rud a chualas air a' bhuas eadar Lacastal agus Caolas Arcaibh ;)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Feumaidh sinn còrpas. 'S mathaid gu bheil Ruairidh ceart ach b' fhearr leam dàta nas cruaidhe na rud a chualas air a' bhuas eadar Lacastal agus Caolas Arcaibh ;)
Ueill, cha chreid mi gu bheil an cùrsa gràmair aige (a bha mi a' frithealadh) stèidhichte air cagairean-cluaise. Tha e stèidhichte air an eòlas a fhuair e le bhith a' dèanamh a bheò-shlàint fad iomadh bliadhna ann an saoghal-obrach na Gàidhlig, gu h-àraidh aig a' BhBC. Agus leis cho mionaideach 's a tha e, saoilidh mi gu bheil e air feum a dhèanamh de rannsachadh a rinneadh mu thràth.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Bha e a' sònrachadh ge-tà, gur e rud a tha cumanta, gun an riochd ginideach a chleachdadh agus a' fàgail againn fhìn an robh sinn gabhail ris no nach robh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by Gràisg »

tl a chàirdean
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by Níall Beag »

An Gobaire wrote:
Feumaidh sinn còrpas. 'S mathaid gu bheil Ruairidh ceart ach b' fhearr leam dàta nas cruaidhe na rud a chualas air a' bhuas eadar Lacastal agus Caolas Arcaibh ;)
Ueill, cha chreid mi gu bheil an cùrsa gràmair aige (a bha mi a' frithealadh) stèidhichte air cagairean-cluaise. Tha e stèidhichte air an eòlas a fhuair e le bhith a' dèanamh a bheò-shlàint fad iomadh bliadhna ann an saoghal-obrach na Gàidhlig, gu h-àraidh aig a' BhBC. Agus leis cho mionaideach 's a tha e, saoilidh mi gu bheil e air feum a dhèanamh de rannsachadh a rinneadh mu thràth.
Consider what you hear on the BBC in English. It's not really representative, is it?
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Thalla, chan eil sin idir buntainneach don dheasbad.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by Seonaidh »

How many angels can balance on a pinhead?

Nuair a bhios sibh a' deasbad air dè "concert pianist" sa Ghàidhlig, bidh an cànan a' basachadh. Nan teirte "ceòl-chuirm", no nan teirte "ciùil-chuirm", bhithinn ga thuigsinn - agus sin an rud as cudromaiche.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by An Gobaire »

Nuair a bhios sibh a' deasbad air dè "concert pianist" sa Ghàidhlig, bidh an cànan a' basachadh. Nan teirte "ceòl-chuirm", no nan teirte "ciùil-chuirm", bhithinn ga thuigsinn - agus sin an rud as cudromaiche.
Ò, thalla, a-rithist. :P Ciamar a tha thu a' dèanamh dheth gu bheil a' Ghàidhlig a' bàsachadh a chionn 's gu bheil sinn a' deasbad ann an Gàidhlig? Chan eil sin a' dèanamh cèill sam bith. *no "ciall", ma bhios sinn a' leigeil seachad an t-seann nòs. :mhoire:
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Para Shandaidh
Posts: 1
Joined: Sun Jan 09, 2011 10:27 pm
Location: Air bàta smùid

Re: Pianist - Concert pianist

Unread post by Para Shandaidh »

Saoilidh mi san t-suidheachadh-sa nach bu chòir a' chiad ainmear ann an ainmear fillte a bhith san tuiseal shealbhach. 'S e ceist mu stoidhle a tha sin, ge-tà, seach 'ceart is ceàrr'. Tha e 'ceart' a chaolachadh gu gràmarail nuair a bhios tàthan ann ach tha daoine gu soilleir a' gluasad air falbh bho sin. Cha chreid mi gum bi Raghnaill MacIlleDhuibh - ùghdarras a tha e ann - ga dhèanamh.

Ach airson cainnt a' Bhìobaill (a tha gu math fuadain co-dhiù), bha Gàidhlig sgrìobhte riamh nas buailtich cruthan cuimseach sìmplidh a lorg - a' cur an tuiseil shealbhaich aig an fhìor dheireadh de shreath ainmearan. Leis an tàthan tha e rudeigin nas trioblaidich ach chanainn gum bu chòir cumail ris an aon riaghailt ach nuair a bhios an t-alt ann.

San aon seagh, tha e a' faireachdainn gu math seann-fhasanta, dhomhsa, ainmearan san tuiseal shealbhach fhaicinn às dèidh ghnìomhairean ainmearach agus gun an t-alt. :priob:

Às aonais corpas na cànain agus riaghailtean nas soilleire, cha bhi cunbhalachd againn ann an teagasg, eadar-theangachadh is mar sin.
Post Reply