Ceistean: TYG
Re: Ceistean: TYG
Tha thu ceart, tha e coltach ri 'ann' ceart gu leòr, ach anns a' cho-theacsa seo, 's e 'air an rèidio' , no 'air clàr phrògraman' (TBH, film) a tha e a' ciallachadh.
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Tha mise agus mo chàirdean ag ionnsachadh Gàidhlig còmhla agus feumaidh mi innse mu dheidhinn mi fhìn sa' Ghàidhlig. Ach chan eil mo bheatha-eachdraidh glè inntinneach oir chan eil mi pòsda agus chan eil clann agam
. Tha mi air sin a sgrìobhadh:

Tha mi den bheachd gum feum mearachdan a bhith ann, ach chan eil mi cinnteach dè na mearachdan agus càit' a bheil iad...Am faod mi ag innse mu dheidhinn mo phàrantan an àite umam?
'S e Cirill agus Irina na h-ainmean a tha orra.
Rugadh agus thogadh iad ann an Dùn Pheadair (St Petersburg). Rugadh mo mhàthair aig naoi ceud deug ochd deug air fhichead agus rugadh m' athair aig naoi ceud deug naoi deug air fhichead.
Bha mo mhàthair ann an Dùn Pheadair aig an àm a' chogaidh, nuair a bha iom-chuartachadh ann an-sin. An uairsin dh'fhàg an teaghlach aice Dùn Pheadair agus chaidh iad a dh'Yekaterinburg. (B' e Sverdlovsk an t-ainm a bha air an uairsin). Bha m' athair ann cuideachd, ach cha robh iad eòlach a chèile idir!
An dèidh dhaibh tilleagh dhachaigh chaidh iad dhan sgoil agus an dèidh do mo mhàthair an sgoil fhàgail bha i ag obair aon bliadhna. Chaidh mo phàrantan dhan Oilthigh Dhùn Pheadair aig naoi ceud deug leth chiad 's a seachd agus choinnich iad ann. Nuair a bha iad 'nan oileanaich bha iad ag ionnsachadh còmhla.
Phòs iad aig naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon agus rugadh mi fhìn aig naoi ceud deug trì fichead 's a dhà. Bha mi nas òige na aon bliadhna nuair a dh'fhàg mo phàrantan an t-Oilthigh. Chaidh iad 'nan clach-eòlaichean agus chaidh iad chun an ear-thuath, gu Kolyma. Thug iad mise ann cuideachd.
Bha sinn a' fuireach ann am baile bheag agus bha beatha glè chruaidh annainn an toiseach. B' abhaist dha na geamhraidhean a bhith fada na b' fhuaire ann na an fheadhainn ann an Dùn Pheadair. B' e an teas a b' fhuaire mu thrì fichead puing 's a trì reòthaidh.
Dh'fhàg sinn a' bhaile seo aig naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug agus chaidh sinn gu Magadan.
Bha sinn a' fuireach ann gus an do dh'fhàg mi an sgoil. An uairsin thill sinn ri Dùn Pheadair agus tha sinn a' fuireach an-seo bhon uairsin.
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Am faod mi innse dhuibh mu dheidhinn mo phàrantan an àite umam-sa?
'S e Cirill agus Irina na h-ainmean a tha orra.
Rugadh agus thogadh iad ann an Dùn Pheadair (St Petersburg). Rugadh mo mhàthair ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug ochd deug air fhichead agus rugadh m' athair ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug naoi deug air fhichead.
Bha mo mhàthair ann an Dùn Pheadair aig àm a' chogaidh, nuair a bha iom-chuartachadh ann an-sin. An uair sin dh'fhàg a teaghlach Dùn Pheadair agus chaidh iad a dh'Yekaterinburg. (B' e Sverdlovsk an t-ainm a bha air an uair ud). Bha m' athair ann cuideachd, ach cha robh iad eòlach air a chèile idir!
An dèidh dhaibh tilleadh dhachaigh chaidh iad dhan sgoil agus an dèidh do mo mhàthair an sgoil fhàgail bha i ag obair aon bhliadhna. Chaidh mo phàrantan a dh'Oilthigh Dhùn Pheadair ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug leth chiad 's a seachd agus choinnich iad ann. Nuair a bha iad 'nan oileanaich bha iad ag ionnsachadh còmhla.
Phòs iad ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon agus rugadh mi fhìn ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug trì fichead 's a dhà. Bha mi nas òige na aon bhliadhna nuair a dh'fhàg mo phàrantan an t-Oilthigh. Chaidh iad 'nan clach-eòlaichean agus chaidh iad chun an ear-thuath, gu Kolyma. Thug iad mise ann cuideachd.
Bha sinn a' fuireach ann am baile beag agus bha ur beatha glè chruaidh an toiseach. B' abhaist dha na geamhraidhean a bhith fada na b' fhuaire na an fheadhainn ann an Dùn Pheadair. B' e an teothachd a b' fhuaire mu thrì fichead puing 's a trì reòthaidh.
Dh'fhàg sinn am baile seo ann an/sa bhliadhna naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug agus chaidh sinn gu Magadan.
Bha sinn a' fuireach ann gus an do dh'fhàg mi an sgoil. An uair sin thill sinn a Dhùn Pheadair agus bha sinn a' fuireach an-seo bhon uair sin/tha sinn a' fuireach an-seo fhathast.

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Cuimhnich:poor_mouse wrote:Seo ceist eile agam.Chan eil mi cinnteach: dè tha "air" a' ciallachadh an-seo? A bheil sin coltach ri "ann" = "there is" no rudeigin eile?TYG, Aonad 17 wrote:Faodaidh iad èisdeachd ris an rèidio, cia tà. Tha prògram de dh'òrain air a-nochd.
orm
ort
air
oirre
oirnn
oirbh
orra
Tha "air" ann an sheo air+e = air. "on it" (the radio).
"ann" for "there is" is only normally used when there is no other prepositional phrase in the sentence.
There is a program = Tha prògram ann (lit: a program is in it)
There is a program on the radio = Tha prògram air an rèidio (lit: a program is on the radio)
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Mòran taing, a Nèill! Tha mi a' tuigsinn a-nis.
Mòran taing, a GhunChleoc! Tha mi a' faicinn mo mhearachdan a-nis!
Mòran taing, a GhunChleoc! Tha mi a' faicinn mo mhearachdan a-nis!
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Seo abairt eile leis "air":
Dè tha "air" a' ciallachadh an-seo?TYG, Aonad 16 wrote:Bu chòir dhuinn coimhead anns a' phàipear feuch dè a th' air sa' bhaile.
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Saoilidh mi gu bheil iad a' bruidhinn mu thachartasan.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
S bheil "air" coltach ri "ann" = "there is" a-réiste an-seo? Dè ur beachd?
Agus seo ceist eile agam:
Agus seo ceist eile agam:
Nach eil /?/ aig deireadh an fhacail seo?Am Faclair Beag wrote:a-réiste /??r?e??d?/
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Oops 

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Ceistean: TYG
I always understood "dè tha air" as an equivalent of English "what's up", just using a different preposition. I mean, another way of saying "dè tha dol".
-
- Posts: 216
- Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
- Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
- Location: Australia
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
I've also heard "Dè th'ann" for much the same thing, "What's this !"
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Chan eil mi cinnteach ciamar a tha sin anns a' Ghàidhlig no anns a' Bheurla.
Bu chòir dhut innse... -- I ought to tell...
Agus:
Cha bu chòir dhut innse -- You ought not to have said (Taic, Lesson 20).
A bheil sin a' ciallachadh "You ought to keep silence/keep secret" no "You might tell or not tell as you want"?
(ought not) to ---vs--- ought (not to)
Tha mi den bheachd gu bheil a chiad eadar-theangachadh ceart, ach ciamar a their sibh an dàrna abairt anns a' Ghàidhlig ma tha?
(Vice versa)