Loch Duntelchaig
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Loch Duntelchaig
'S ann air culaibh Inbhir Nis a tha Loch Duntelchaig. Am biodh fios air duine sam bith air a' Ghaidhlig cheart no dè a tha sin a' ciallachadh sa bheurla?
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/aite/ ... tairg=Lorg
Dùn Deilcheig “Snail hill”.
Is dòcha gu bheil an làrach-lìn seo inntinneach dhut cuideachd: http://www.strathnairnheritage.org.uk/

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
TL a charaid bidh am fiosrachadh sin gu math feumail do charaid dhomh 

-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Chì mi an loch air a' mhapa ach bheil fhios cà bheil an dùn?
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Chan eil cail fhios orm ach cuir mi ceist air mo charaid a tha a dol ann a h-uile seachdain.
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Thuirt e gu bheil cnoc le coltas caran neònach faisg air làimh - an do smaoinich na sean gaidheal gur e coltas deilcheig a bh'ann?
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Hm dè cnoc? Tha grunn dhiubh air Streetmap ach eadar Stac an Fhithich is Stac na Cathaig, bhiodh dùil a'm ri Dùn nan Eun Dubha, seach seilcheag. Tha grunn làraichean mun cuairt an locha cuideachd. Cà bheil Stewart a' Geofizz!!
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Loch Duntelchaig
...agus 's ann ri taobh an locha a tha a' chreag seo. Mar a tha e ag ràdh "Slimy when wet" - agus mar a tha mòran fliuchaidh an siud - sin (nam bheachd-sa) bun an ainm (Dùn Sheilcheig). Ach tha duilgheadas ann - 's ann boireannach a tha "seilcheag" agus thoireadh sin, sa Ghàidhlig an-diugh, "Dùn na Seilcheig". Mar sin, cò às an "t"?http://www.ukclimbing.com/logbook/crag.php?id=388 wrote:Duntelchaig
Invernesshire, SCOTLAND
Climbs 61 – Rocktype Gneiss – Altitude 100m a.s.l – Faces SE
Crag features
Lots of interesting lines following well protected cracks. Most routes 1 pitch.
Best visited in the afternoon to get the sun.
Slimy when wet.
Must Do : Dracula E3
There is also Pinnacle Crag (listed separately in the Database) on the opposite side of the road to the main crag which offers generally easier routes on very clean rock. Normally dries quickly from the wind
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Tha casg air sèimheachadh san t-suidheachadh sin le ainmean-àite aosta, cuimhnichibh Dùn Dè, Dùn Dòmhnaill etc.
Chanainn-sa gur e cruth ionadail a th' ann an Deilcheag, le re-analysis de an t-seilcheag /?N? t?eleçag/ mar an teilcheag /?N? t?eleçag/ agus le urdhubhadh 'na cheann, an deilcheag /?N? d?eleçag/. Mar sin, chan eil càil cearr air Dùn Deilcheig.
Thachair an dearbh rud leis an deanntag. Tha seo a' tighinn on t-seann Ghaedhilge nenaid slighe meadhan Ghaedhilge nenntóg. Leis an alt, gheibheadh tu an neanntag /? N?auNdag/ sa Ghàidhlig agus chaidh seo ath-sgrùdadh mar an fheanntag /? N?auNdag/ > feanntag) agus an fheanntag e fhèin mar an deanntag /? N?auNdag/ (le urdhubhadh) (> deanntag).
Chanainn-sa gur e cruth ionadail a th' ann an Deilcheag, le re-analysis de an t-seilcheag /?N? t?eleçag/ mar an teilcheag /?N? t?eleçag/ agus le urdhubhadh 'na cheann, an deilcheag /?N? d?eleçag/. Mar sin, chan eil càil cearr air Dùn Deilcheig.
Thachair an dearbh rud leis an deanntag. Tha seo a' tighinn on t-seann Ghaedhilge nenaid slighe meadhan Ghaedhilge nenntóg. Leis an alt, gheibheadh tu an neanntag /? N?auNdag/ sa Ghàidhlig agus chaidh seo ath-sgrùdadh mar an fheanntag /? N?auNdag/ > feanntag) agus an fheanntag e fhèin mar an deanntag /? N?auNdag/ (le urdhubhadh) (> deanntag).
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Loch Duntelchaig
Air mapa le Comann Dualchais Srath Narunn - 's e Loch Dùn Seilcheig a th' ann.
http://www.strathnairnheritage.co.uk/im ... f_area.jpg
Thogadh mo mhàthair ann an Oighreachd Fhliuchataidh, Srath Narunn sna 1940an - 1960an, mar sin dh'fhalbh mi a shealltainn air an sgìre an t-seachdain sa chaidh. Tha Fliuchataidh (Flichety) corra mhìle taobh an ear air an loch.
Nise, tha mise airson rudeigin fhaighinn a-mach. Bha mo mhàthair a' fuireach na h-òige ann am Brin House, oir b' e cìobaire a bha na h-athair air an oighreachd. Tha e ri taobh "Brin Rock"..ach cha d' fhuair mi lorg air ainm Gàidhlig air sin. Air a' mhapa air làrach Srath Narunn, 's tha creag air gach taobh air a bheil "Creag Dhubh"...saoil am b' e sin an t-ainm Gàidhlig a bh' air Brin Rock???
A rèir Comann Dualchais Srath Narunn, chaochail an Gàidheal mu dheireadh às an sgìre, Donnchadh Càrn Bàn, ann an 1984. 'S iongantach mur b' esan no Gàidheil eile a thug mòran de na h-ainmean àite do luchd-tionail nan ainm...?
http://www.strathnairnheritage.org.uk/names1.html
Thàinig cuideachd mo mhàthar à Meaghrath, Gallaibh ge-tà mar sin, cha robh mo mhàthair eòlach air duine aig an robh Gàidhlig ann an Srath Narunn. Ge-tà, leis gun do dh'fhalbh an teaghlach nuair a bha i 16 bliadhna a dh'aois (reiceadh an oighreachd), 's dòcha nach b' e sin a' chiad cheist a thigeadh air inntinn nighean òig nuair a bha i a' bruidhinn ri a co-aoisean no daoine eile às a' ghleann! Sna 50an agus 60an bhiodh grunn Ghàidheil ann gun teagamh.

Dèan buil cheart de na fhuair thu!