Leabhar ri reic air e-Bay: Gàidhealtachdan Ùra

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Leabhar ri reic air e-Bay: Gàidhealtachdan Ùra

Unread post by Gràisg »

Gàidhealtachdan Ùra/Nua-Ghaeltachtaí - Gaelic in Cities

http://cgi.ebay.co.uk/Gaidhealtachdan-U ... dZViewItem
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Fuathasach, tha dà chàn ann, agus chan eil mi a'tuigsinn an dà chuid. 'S e cuspair innteannach a th'ann cò-diu. Tha mi a'miannachadh gu robh Gàidhlig nas fheàrr agam. Gu teicneolach tha an Gàidhlig Mannainneach air tighinn air ais a'Dhoolish ach bhitheadh ******** 'sa càn seo ao-coltach an-drasd, bhithinn a'smoainneachadh.

Wonderful, two languages and I don't understand both of them. It's an interesting subject in any case. Wish I had better Scots Gaelic. Technically Manx Gaelic's come back to Doolish but a ******** in that language would be unlikely at this time, I'd think.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tapadh leat! Cheannaich mi fear.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

's e cuspair inntinneach a tha sin Neas, agus tha mise a' deànamh fiughar...nach neònach sin...bha mi an impis a sgrìobhadh 'a'dèanamh fiùghar air an leabhar sin' agus chuala mi fuaim shìos na staidhre, chuir Pàdraig Post tron dorais e :lol:

Co-dhiù, tha ùidh agamsa sa chuspair a tha seo, thachair mi air grunn luchd ionnsachaid sa Bhreatain Bheag a bha den bheachd gur e sna bàiltean mòra a bhiodh Breatnais na bu làidire san àm ri teachd. Agus gu mì-fhortanach tha Gàidhlig fhathast a' crionadh sna sgìrean tradiseanta, leis a sin ma dh'fhoaidte chì sinn an aon rud ann an Alba.

A-nis gabhaidh mi srubag agus leughaidh mi beagan den leabhar...

mar sin leibh an dràsta a chàirdean....


life is too short for a tr*nsl*t**n lol
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha mi an dòchas gum bi e inntinneach dhut :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

'S aithne dhomh am fear-deasaiche an leabhair, Wilson MacLeod. Ma choimheadas sibh air liosta de cheanglan Gàidhlig air làrach-lìnn SMO, chìthear an t-ainm-sa le mòran pàipearan-rannsachaidh Gàidhlig. Saoilinn gur e leabhair inntinneach a th`ann.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Saoilinn gur e leabhair inntinneach a th`ann.
Gu dearbh fhèin 's e leabhar inntinneach a th'ann. Tha pàirt dheth a-mach air rudeigin a mhothaich thusa Thearlaich. 'S e sin a leithid an fheadhainn a tha a' cur sìos air 'leasachadh na Gàidhlig' air laraich an t-Albannach.

Seo na sgrìobh Alasdair MacCaluim ann an aiste ris an canar, 'More than interesting: a' Ghàidhlig sa Bhaile Mhòr. Bha e a-mach air ciamar a fhuair aithisg eile a sgìobh esan droch chaineadh sna h-eilean ach chan eil sin ach pàirt den aiste.

'Tha seo na dheagh eisimpleir den bheachd chumanta air an do bhruidhinn mi na bu tràithe: gu bheil cuid den bheacd gur e na h-Eileanan Siar an aon sgìre a tha cudromach don Ghàidhlig no fiù 's gu bheil e a' dèanamh dìmeas air coimhearsnachdan Gàidhlig nan Eileanan Siar a bhith brosnachadh na Gàidhlig ann an dòighean susbainteach ann an àite sam bith eile.'

Dh'fheumadh tu a h-uile càil a leughadh gus an seagh gu lèir tuigsinn den argamaid a th'aige agus tha beachdan eile aige gu math inntinneach agus chan eil sin ach aon aiste na bhroinn.

Ma tha cairt creidis agad atha fhathast ag obrachadh mholainnsa gun tèid thu air e-bay gun dàil.
Post Reply