Uill taing do FnG tha Comann Cuibhreannan Inbhir Narann - Làrach Rathad a' Mhuilinn ri fhaicinn air an soidhne. A-nis tha amas againn 38 lotaichean eile a chuir air bhog aig taobh an ear den bhaile. 'S ann air sgìre a tha a' dol ris a' chanar Sandown. Fhios 'm 's ann as cuideigin le deagh Bheurla a thàinig an t-ainm ud. Co-dhiù, tha amas aig a' chomhairle taighean fhaicinn air Sandown cuideachd, mar sin bidh feum san àm ri teachd air Gàidhlig a chur air Sandown Farm Lane msaa.
Mar sin saoilidh mi gum biodh Achadh na Gainmheach ceart gu leòr airson an soidhne an turas seo. Dè do bheachd a chàirdean, chan eil e fada air falbh bho sgìre sa bhaile a tha a' dol ris a' chanar Achareidh sa Bheurla. Co-dhiù seo soidhne ur ann an Inbhir Narann far a bheil Gàidhlig ga chur air bun-smuain bheurlach .

Scheama taigheadas ùr ann an Inbhir Narann by gurnnurn.com pictures, on Flickr